Neach-oide seinn Gàidhlig ùr do Leòdhas agus na Hearadh

- Air fhoillseachadh
Dh'ainmich Comhairle nan Eilean Siar Lauren NicLeòid mar an Neach-Oide Seinn Gàidhlig ùr airson sgoiltean ann an Leòdhas agus na Hearadh.
Chaidh Lauren tro fhoghlam tro mheadhan na Gàidhlig aig Sgoil Lacasdail agus Àrd-sgoil MhicNeacail, agus tha dà cheum Maighstireachd aice ann an Ceòl, a' gabhail a-steach fear bho Acadamaidh Rìoghail a' Chiùil ann an Lunnainn, a thuilleadh air ceum ann am fiosaigs.
Bha aire gu sònraichte aice air seinn agus seinn còisire, agus tha pailteas eòlais aice ann an teagasg.
Thuirt Evelyn Coull NicLeòid, Manaidsear Foghlaim na Gàidhlig aig Comhairle nan Eilean Siar: "Tha sinn air leth toilichte fàilte a chur air Lauren dhan dreuchd chudromach seo.
"Tha òrain na Gàidhlig aig cridhe ar cultar agus tro a h-eòlais, cuidichidh Lauren le bhith a' brosnachadh ar daoine òga agus neartachadh a thoirt don Ghàidhlig anns na sgoiltean agus na coimhearsnachdan againn."
Thuirt Lauren fhèin: "'S e urram a th' ann tilleadh dhachaigh agus an dreuchd seo a ghabhail os làimh.
"Tha òrain na Gàidhlig air a bhith faisg air mo chridhe a-riamh, agus tha mi a' coimhead air adhart ri bhith ag obair anns na sgoiltean ann an Leòdhas agus na Hearadh.
"Cha b' e ruith ach leum nuair a chunnaic mi an dreuchd seo air a sanasachadh, agus às dèidh mòran bhliadhnaichean ann an Lunnainn, bha mi a' faireachdainn gun robh an t-àm ann tilleadh air ais".