"Clach-mhìle" do Chala Stafainn

Daoine bho dhiofar bhuidhnean a bhios anns na togalaichean aig Caladh Stafainn.
- Air fhoillseachadh
Fhuair diofar bhuidhnean iuchraichean airson togalaichean gnothachais ùra aig Cala Stafainn.
Ghabh grunn ghnothachasan is bhuidhnean na h-ionadan dathach air mhàl is Urras an Taobh Sear ag ràdh gun toir seo togail do sgìre a th' ann an suidheachadh eaconomach cugallach.
Bidh na leanas stèidhichte anns an àite - gnìomhachas tursan mara, ionad far am faigh daoine baidhseagalan air mhàl is trèanadh, ghnothachas tuathanachas bhradan, daibheadh chreachan, innleadair is neach-togail shoithichean agus àite airson tachartasan Gàidhlig air a' bhlàr a-muigh.
Tha sòna ann cuideachd agus tha sin air a bhith a' tarraing dhaoine mar-tha.
Bidh an cala na dhachaigh do naoi diofar ghnìomhachasan, le taic dha 16 cosnadh.

Thuirt Manaidsear Chala Stafainn, Lachaidh MacIllÌosa: "'S e clach-mhìle mhòr a tha seo dhan chala.
"'S urrainn dhuinn ionadan gnìomhachais a thoirt dha dhaoine agus tha sin a' cruthachadh chosnaidhean agus a' cumail taic riutha.
"Tha teachd a-steach feumail a' tighinn bhon mhàl do dh'Urras an Taobh Sear cuideachd."
Thuirt Aonghas Ros bho bhòrd an urrais gu bheil stiùirichean na buidhne air an dòigh leis an leasachadh seo a th' air "diofar chrothroman a stèidheachadh dhan choimhearsnachd agus a chruthaicheas co-dhiù 16 cosnaidhean."
Chaidh Cala Stafainn a cheannach leis an urras choimhearsnachd bho Chomhairle na Gàidhealtachd agus ministearan Albannach an-uiridh.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh11 Am Màrt 2024
- Air fhoillseachadh10 An Gearran 2022