A h-uile dùil gun tèid dachaigh-cùraim Moss Park a chumail fosgailte

Luchd-iomairt a' togail fianais an aghaidh dùnadh na dachaigh.
- Air fhoillseachadh
Tha a h-uile dùil ann nach dùin dachaigh-cùraim Moss Park is NHS is Comhairle na Gàidhealtachd air aontachadh ann am prionnsabal a cheannach bhon chompanaidh leis a bheil i.
Dh'innis HC-One san t-Sultain gum biodh an dachaigh sa Ghearasdan agus dachaigh-cùraim Blàr Buidhe ann an Steòrnabhagh a' dùnadh.
Thuirt iad gun robh duilgheadasan air a bhith aca luchd-obrach gu leòr fhaighinn aig Moss Park gus "àrd-ìre de chùram a thoirt seachad", is gu bheil "cho iomallach" 's a tha Blàr Buidhe a' fàgail nach urrainn dhaibh taic a chumail ris an dachaigh san ùine fhada.
Ach bha iomairt làidir ann an Loch Abar gu sònraichte is draghan mòra ann mun bhuaidh air cùram san sgìre nan rachadh Moss Park a dhùnadh.
Thog càirdean luchd-còmhnaidh na dachaigh fianais air taobh a-muigh Comhairle na Gàidhealtachd an t-seachdain seo chaidh nuair a bha comhairlichean a' deasbad a' ghnothaich.
Thuirt a' Chomhairle às dèidh na coinneimh sin gun robh dòchas a-nise ann gum faigheadh iad fhèin is NHS na Gàidhealtachd fuasgladh, is am Prìomh Mhinistear ag ràdh gun robh Riaghaltas na h-Alba airson cuideachadh.
"Aonta am prionnsabal"
Ann am brath ùr Diardaoin, tha NHS na Gàidhealtachd is Comhairle na Gàidhealtachd ag ràdh gu bheil aonta aca ann am prionnsabal Moss Park a cheannach.
Thuirt iad gu bheil aca ri dhol tro ghrunn cheumannan fhathast, ach gu bheil iad an dùil gun gabh NHS na Gàidhealtachd smachd air an dachaigh tràth ann an 2025, is gun ruith iad Moss Park gus an tèid "modailean seasmhach 'son cùraim ann an Loch Abar a stèidheachadh san ùine-fhada".
Gheall iad gun tèid fiosrachadh a sgaoileadh anns na seachdainean ri thighinn.
Mar phàirt den sin, bidh barrachd fiosrachaidh mu na planaichean ga fhoillseachadh air làrach NHS na Gàidhealtachd Diardaoin.
Thug NHS na Gàidhealtachd is Comhairle na Gàidhealtachd cuideachd taing dha Riaghaltas na h-Alba airson an taice leis a' ghluasad.