Dòchas às ùr mu Moss Park

Chaidh fianais a thogail taobh a-muigh Comhairle na Gàidhealtachd Diardaoin an aghaidh dùnadh na dachaigh
- Air fhoillseachadh
Tha Comhairle na Gàidhealtachd ag ràdh gu bheil dòchas ann a-nise gum faigh iad fhèin is NHS na Gàidhealtachd fuasgladh a thaobh suidheachadh a' chùraim ann an Loch Abar.
Bha coinneamh aig an ùghdarras ionadail nas tràithe Diardaoin is iomagain mhòr san sgìre mu phlanaichean na companaidh HC-One gus dachaigh-cùraim Moss Park sa Ghearasdan a dhùnadh.
Dh'innis a' chompanaidh san t-Sultain gum biodh Moss Park is dachaigh-cùraim Blàr Buidhe ann an Steòrnabhagh a' dùnadh.
Ann am brath anmoch feasgar Dhiardaoin, thuirt a' Chomhairle gun do ghabh iad "ceum cudromach nar planaichean gus seirbheisean cùraim a ghlèidheadh ann an Loch Abar."
Thuirt iad gun deach coimhead air diofar roghainnean feuch a' bhuaidh air luchd-còmhnaidh Moss Park a chumail cho beag 's a ghabhas.
"Ged a tha ceistean doirbh ri rèiteach is gun dad air a dhearbhadh aig an ìre seo, tha dòchas ann a-nise gun tèid fuasgladh a ruighinn tro chom-pàirteachas eadar Comhairle na Gàidhealtachd is NHS na Gàidhealtachd."
Gheall iad fiosrachadh a bharrachd nuair a tha e aca.
Luchd-iomairt a' togail fianais mu shuidheachadh Moss Park aig Comhairle na Gàidhealtachd Diardaoin
Nas tràithe air an là bha càirdean luchd-còmhnaidh na dachaigh air fianais a thogail air taobh a-muigh na Comhairle 's iad ag iarraidh air an ùghdarras ionadail dèanamh cinnteach nach dùin an goireas.
Chaidh an gnothach a thogail cuideachd ann am Pàrlamaid na h-Alba is am Prìomh Mhinistear ag ràdh gu bheil Riaghaltas na h-Alba airson cuideachadh le fuasgladh fhaighinn, is gun robh gnothaichean "a' dol calg-dhìreach an aghaidh" na tha e airson faicinn.
A' freagairt ceist bhon BhPA Tòraidheach Gàidhealach, Jamie Halcro Johnston, thuirt Mgr Swinney gu bheil "iomagain" air mu chùram air a' Ghàidhealtachd is dìth àitichean do dhaoine a tha deiseil ospadal fhàgail.
Thuirt e gu bheil Riaghaltas na h-Alba air a bhith gu mòr an sàs ann an còmhraidhean is gun deach coimhead air na roghainnean uile.
Tha e ag ràdh gu bheil iad airson taic a thoirt seachad.
"Tha sinn deiseil is deònach cuideachadh feuch fuasgladh fhaighinn, oir a' bhuaidh a bhiodh ann nan rachadh an dachaigh a dhùnadh, tha sin a' dol calg-dhìreach an aghaidh na tha mi airson faicinn," thuirt e.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh19 An t-Sultain 2024