Rabhadh Patrick Harvie mu shabaid taobh a-staigh a' Phartaidh Uaine

Dh'iarr Patrick Harvie gum bi "atharrachadh deimhinneach ann" na òraid sa cho-labhairt
- Air fhoillseachadh
Thug Patrick Harvie rabhadh mun chunnart bhon fhiòr làimh dheis nuair a thug e seachad an òraid mu dheireadh aige mar cho-cheannard a' Phartaidh Uaine.
Bhruidhinn e cuideachd mu shabaid taobh a-staigh a' phartaidh agus farpais ceannais a' tòiseachadh.
Bha Patrick Harvie a' bruidhinn aig co-labhairt nan Uaineach ann an Sruighlea airson an turas mu dheireadh mar cho-cheannard an dèidh dha innse gun seas e sìos as dèidh 17 bliadhna.
Thuirt Mgr Harvie gun robh "mionchuid bheag" a' lagachadh obair bhall eile agus a' dèanamh cron air cliù a' phartaidh.
"Tha a' mhòr-chuid de na buill againn agus na bhios a' bhòtadh dhuinn searbh dheth sin.
"Nach dèan sinn cinnteach gur e iomairt dhòchasach a bhios ann sna mìosan ri thighinn a thogas am pàrtaidh againne suas, chan e tè a tha puinnseanta agus a dh'adhabharaicheas sgaraidhean," thuirt e.
Dh'innis e do na bha an làthair mu a chuid draghan mu mar a tha an taic dhan fhìor làimh dheis a' fàs agus mar 's e sealladh nan Uaineach as fheàrr airson dèiligeadh ris an sin.
"Feumaidh sinn misneachd às ùr a thoirt do luchd-bhòtaidh gur e deamocrasaidh a bheir piseach air ar saoghal gus am bi e nas cothromaiche agus nas seasmhaiche," thuirt e.

Tha Slater is Harvie nan co-cheannardan air a' Phartaidh Uaine
Thug co-cheannard eile nan Uaineach, Lorna Slater, taic do Mhgr Harvie airson a chuid saothrach thar nam bliadhnaichean.
Tha i an dùil seasamh airson ceannas a' phartaidh uair eile.
Na h-òraid fhèin mhìnich i mar a chuir am milleadh a rinn na teintean monaidh a bh' ann o chionn ghoirid agus buaidh stoirmean is tuiltean uabhas oirre
"'S e seo èiginn na h-aimsire a' dol am miosad," thuirt i.
Dh'innis i do riochdairean gur e poileasaidhean nan Uaineach an fhreagairt airson dèiligeadh ri staing na gnàth-shìde.
Thuirt i nach bu chòir do Riaghaltas na h-Alba maoineachadh mòr a chosg air an A9 a dhèanamh dà-fhìllte seach a bhith a' leasachadh sheirbheisean rèile agus bhusaichean.
"Tha e tuilleadh as fadalaiche san t-strì an aghaidh èiginn na gnàth-shìde airson a bhith a' togail rathaidean ùra," thuirt i.
Thuirt neach-labhairt Riaghaltas na h-Alba gu bheil iad fhathast a' cur rompha an rathad air fad eadar Peairt is Inbhir Nis a dhèanamh dà-fhillte leis gun toir sin piseach air sàbhailteachd an rathaid agus gun cuir e taic ri fàs eaconomach na sgìre.
Le co-labhairt an earraich a-nis seachad tha an aire a-nis air cò bhios air an taghadh mar cho-cheannardan a' phartaidh as t-samhradh mas tòisich an iomairt airson taghaidhean Holyrood ann an 2026.