500 a bharrachd fharpaiseach aig Mòd Nàiseanta Rìoghail 2024

Tha Àrd-oifigear a' Chomuinn Ghàidhealaich, Seumas Greumach, air a bhrosnachadh le mar a tha àireamh nam farpaiseach air èirigh am-bliadhna
- Air fhoillseachadh
Tha Àrd-oifigear a' Chomuinn Ghàidhealaich, Seumas Greumach, air a mhisneachadh le mar a tha àireamh nam farpaiseach aig Mòd Nàiseanta Rìoghail na bliadhna seo suas 500 o an-uiridh 's faisg air 3,000 gu bhith ri farpais.
Tha an fhèis air tilleadh dhan Òban - far an deach a chumail an toiseach ann an 1892 - 'son an t-17mh turas.
Tha an Comunn Gàidhealach air an dòigh ghlan leis na h-àireamhan a tha a' gabhail pàirt am-bliadhna, agus an làn-àire air a' Mhòd a chur air bun-stèidh nas seasmhaiche ann an saoghal far a bheil airgead gann agus buidseatan gan cuibhreachadh.
"Tha e na thoileachas mòr dhuinn a bhith a' tilleadh dhan Òban - creathal a' Mhòid," thuirt Àrd-oifigear a' Chomuinn Ghàidhealaich, Seumas Greumach.
"Tha deagh Mhòdan air a bhith againn an seo thar nam bliadhna, agus tha sinn a' dèanamh fiughair ri sin gu mòr.
"Seo an àireamh as motha de dh'fharpaisich a th' air a bhith againn bho bha Covid ann, 's mar sin 's e adhbhar dòchais a tha sin.
"Bidh 's dòcha 3,000 compàirtiche againn tron t-seachdain uile gu lèir, eadar inbhich agus clann.
"Bidh e dìreach sònraichte. Bidh Gàidhlig ga bruidhinn 's bidh Gàidhlig air a cluinntinn sa h-uile h-àite aig sean is òg rè na seachdain," thuirt e.
Cha bheag an dùbhlan a tha ron Chomunn ann a bhith a' cur a' Mhòid air dòigh san là a th' ann, gu h-àraid maoineachadh, tha Mgr Greumach ag ràdh.
"Chanainn gur e dìreach maoineachadh an dùbhlan as motha a th' againn dìreach mar a tha buidheann sam bith eile an-dràsta.
"Tha na buidseatan againne cho caochlaichte o bhliadhna gu bliadhna.
"An teachd-a-steach a th' againn bho ùghdarras ionadail mar eisimpleir tha sin ag atharrachadh gu mòr.
"'S cuideachd dìreach cosgaisean bunaiteach leithid àite-fuirich, tallaichean 's obair margaidheachd 's rudan mar sin.
"Tha sin na dhùbhlan dhuinn uile tha mi a' smaoineachadh an-dràsta," thuirt e.