Bonn eile is tuilleadh eachdraidh 'son Kara

- Air fhoillseachadh
Tha Kara Hanlon a-nis air barrachd bhonn a ghlèidheadh aig Geamannan nan Eilean na neach sam bith eile às na h-Eileannan an Iar.
Chrìochnaich i san treas àite san rèis 200IM oidhche Mhàirt gus an treas bonn aice aig geamannan Arcaibh a chosnadh.
'S i Chloe Brown is Oriana Wheeler à Guernsey a bha sa chiad is dàrna àite.
Bha Kara mar-tha air buinn òir a bhuannachadh anns na rèisean breaststroke thar 50 agus 200 meatair ann an Arcaibh.
Tha sin ga toirt gu 15 buinn thar nam bliadhnaichean, aonan air thoiseach air Kerry Nic a' Phì.
Bidh cothrom aig Kara cur ris an àireimh sin a-màireach.