Plana taigheadais airson Bun-sgoil Dhrochaid Ruaidh

Bun-sgoil Drochaid RuaidhTùs an deilbh, Google
  • Air fhoillseachadh

Tha coltas ann gun tèid sgoil ann an Loch Abar a dhùin bho chionn ochd bliadhna ath-leasachadh mar dhachannan aig prìsean reusanta.

Chaidh Bun-sgoil Dhrochaid Ruaidh, faisg air a' Ghearasdan, a dhùnadh ann an 2017 is àireamh nan sgoilearan air tuiteam gu dithis.

Mhol an carthannas SCIO Dhrochaid an Aonachain, Dhrochaid Ruaidh agus Achadh na Cairidh na leanas a thogail air an làraich - taigh bungalow le dà sheòmar-leapa, ceithir taighean leth-dhealaichte le dà sheòmar-leapa agus dà thaigh mòr teaghlaich.

Dh'fhaodadh dà flat aon sheòmar-leapa a dhèanamh de sheòmar-teagaisg na sgoile.

Lùigeadh an carthannas gun deadh an dà flat sin a leigeil a-mach air màl-goirid do luchd-turais airson teachd a-steach fhaighinn a chuidicheadh le cosgaisean a' phròiseict.

Tha oifigearan aig Comhairle na Gàidhealtachd air moladh do chomhairlichean aontachadh an sgoil a reic ris a' charthannas airson timcheall air £100,000 - prìs nas ìsle na gheibheadh iad air a' mhargaid fhosgailte.

Leis na planaichean, bhiodh na flataichean ri fhaotainn do dhaoine òga agus teaghlaichean.

Dh'fhaodadh na flataichean airson luchd-turais a bhith nan dachannan aig prìsean reusanta anns an àm ri teachd.

Tha dìth thaighean aig prìsean reusanta air a bhith na thriobaid air Ghàidhealtachd airson deagh ghreis.

Bho chionn bliadhna, thuirt Comhairle na Gàidhealtachd gun robh an sgìre feumach air 24,000 taigh a bharrachd thairis air an ath dheich bhliadhna.