Na Gàidheil a tha a' faighinn aithne ann an Duaisean Dèan Diofar 2025

- Air fhoillseachadh
Chaidh gearr-liosta den fheadhainn a chaidh aithneachadh airson na tha iad a' dèanamh dhan choimhearsnachd agus do chàch a chèile fhoillseachadh madainn Diluain.
Chaidh 34 daoine agus buidhnean a chur air adhart airson Duais Dèan Diofar 2025 aig a' BhBC.
Bha cothrom aig luchd-èisteachd Radio nan Gàidheal an cuid ghaisgeach fhèin a mholadh agus 's iad triùir agus aon bhuidheann a bu mhotha a fhuair a' bhòt aca.
Nuair a bha bùth aige sna Hearadh bha clìu aig Iain Moireasdan airson cho deònach 's a bha e taic a thoirt don luchd-ceannaich aige.
Chan e a-mhàin gum biodh e a' lìbhrigeadh stuth, bhiodh e cuideachd a' dèanamh obraichean beaga dhaibh cleas a bhith a' crochadh an aodaich, a' gearradh snèapan, a' toirt a-steach guail agus a' cur theintean thuige.
Tha moladh ann dhan t-seinneadair Sgitheanach Lorna NicCarmaig airson na tha de thachartasan cultarail a tha i a' cur air dòigh.
A bharrachd air pantomime am Port Rìgh a h-uile bliadhna thug i ath-bheòthachadh do Sheachdain an Eilein Sgitheanaich, seachdain de chur-seachadan agus cuirmean-ciùil.

Tha Seonag NicAnndrais a' faighinn aithne airson na tha i air a thogail de dh'airgead do bhuidhnean carthannais
Tha Seonag NicAnndrais na Ban-Uibhisteach a rinn a dachaigh an Inbhir Nis. Tha i air tòrr mòr airgid a thogail do dhiofar bhuidhnean carthannais ionadail le bhith a' cur air dòigh chèilidhean agus rafailean, am measg eile, fon bhrataich aice fhèin, "Sgioba Seonag".
Tha 25 boireannaich an sàs ann an Comataidh Rannsachadh Aillse UK ann an Leòdhas. Tha iad air còrr air £1.2m a thogail le bhith a' cur air dòigh thachartasan mar Lòn nam Ban.
Bidh a' bhuidheann a' comharrachadh 50 bliadhna am-bliadhna on chaidh a stèidheachadh.
'S e am britheamh airson Duaisean Dèan Diofar Radio nan Gàidheal Kerry Nic a' Phì a bhuineas do dh'Uibhist a Deas. Tha i na rothaiche-beinne proifeasanta agus 's i a' chiad bhoireannach às na h-Eileanan an Iar a bha a' farpais ann an Geamaichean a' Cho-Fhlaitheis.
'S iad na craoladairean Kaye Adams agus Michelle McManus a bhios a' measadh cò as motha a tha airidh air duais a-mach às na roinnean eile.
Gheibhear na h-ainmean uile aca agus barrachd fiosrachaidh mu Dhuaisean Dèan Diofar a' BhBC an seo.
Bidh an fheadhainn a shoirbhicheas air an ainmeachadh aig cuirm ann an Glaschu air an ath-mhìos, agus bidh Kaye Adams ag innse cò iad air a' phrògram aice air Radio Scotland madainn an 29mh den Lùnastal.