Dh'fhàg eachdraiche £1m 'son raon Bhlàr Chùil Lodair a dhìon

Bha an t-Ollamh Christopher Duffy, nach maireann, na eòlaiche air eachdraidh nan Seumasach agus Blìadhna Theàrlaich
- Air fhoillseachadh
Thug eòlaiche air eachdraidh Aramach nan Seumasach, an t-Oll Christopher Duffy nach maireann, tiodhlac còrr agus £1m do dh'Urras Nàiseanta na h-Alba ris a bheil raon Bhlàr Chùil Lodair an urra.
Tha meas mòr air airson na leabhraichean a sgrìobh e mun bhlàr agus thèid airgead sam bith a nì iad cuideachd a thoirt dhan Urras airson coimhead às dèidh na làraich.
Bha an t-Oll Duff tric gu mòr an sàs ann a bhith a' feuchainn ri rannsachadh a dhèanamh air achadh a' bhlàir le teicneòlas adhartach.
Ann an 2021, bha e ann nuair a rinn arc-eòlaichean an Urrais cladhach air pàirtean dheth air nach deach sgrùdadh a dhèanamh roimhe.

Tha Urras Nàiseanta na h-Alba ag ràdh gu bheil iad a' crochadh air fialaidheachd dhaoine airson coimhead às dèidh làraichean mar Chùil Lodair
Tha Ceannard an Arc-eòlais leis an Urras, Derek Alexander, ag ràdh "gun robh e daonnan luachmhor agus na urram a bhith ag obair le Christopher".
Thuirt Ceannard Togail-airgid le Urras Nàiseanta na h-Alba, Ali MacLeòid: "Dh'fhàg an t-Oll Duffy dìleab iongantach airson tuigse nas doimhe a thoirt dhuinn air Cùil Lodair agus mar as fheàrr a chuireas sinn dìon air.
"Le bhith a' fàgail tiomnaidh cho fialaidh, rinn e cinnteach gun lean obair a bheatha fhèin airson nan ginealaichean ri thighinn.
"Cha b' urrainn dhuinn an obair againn a dhèanamh às aonais na bhios daoine a' fàgail againn nan tiomhnaidhean, agus tha sinn air leth taingeil don a h-uile duine a bheir taic dhuinn mar seo," thuirt e.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh6 Am Màrt 2024
- Air fhoillseachadh17 An Giblean