Cìs turasachd air Ghàidhealtachd: 'cosgaibh air turasachd i'
- Air fhoillseachadh
Tha iarrtas air nochdadh airson 's gun tèid airgead sam bith a thogar le cìs air turasachd air a' Ghàidhealtachd a chosg air eaconomaidh na turasachd a-mhàin.
Tha Comhairle na Gàidhealtachd air a ràdh gu bheil iad taiceil ris a' bheachd, an dèidh do Holyrood cumhachd a thoirt sa Chèitean am-bliadhna do dh'ùghdarrasan ionadail cìs a chur air daoine a chuireas seachad oidhche ann an taighean-òsta, taighean-aoigheachd agus àiteachan-fuirich fèin-fhrithealaidh.
Tha Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid cuideachd a' coimhead ri co-dhiù an cuir iad fhèin leithid de chìs an sàs, agus Comhairle Baile Dhùn Èideann air cead a thoirt do chìs 5% air a leithid sa phrìomh-bhaile air an t-seachdain a chaidh - a' chiad àite an Alba far an cuirear cìs air turasachd.
Thèid an t-airgead a thogar leis a chosg air leasachaidhean a dhèanamh sa bhaile.
Thuirt Manaidsear Leasachaidh agus Conaltraidh an NC500, Dàibhidh Richardson, gu bheil e cudromach gum bi coimhearsnachdan an sàs ann a bhith a' cumadh leithid de phoileasaidh air a' Ghàidhealtachd.
"Dh'iarramaidne gum biodh an t-airgead seo tèarmainnte airson turasachd agus eaconomaidh an luchd-turais, 's gun e a bhith air a chosg air dad eile," thuirt e.
"An cunnart a th' ann, 's e gun tèid a chosg, mar eisimpleir, air na rathaidean, 's an uair sin gun tèid airgead à buidseat nan rathaidean a chosg air rudan eile - bidh e a' cur airgid a th' ann mar-tha a-mach à buidseatan.
"Feumaidh e a bhith a bharrachd air an airgead a th' ann - agus feumaidh e a bhith air a chosg gus an obraich eaconomaidh na turasachd - a tha deatamach dhan Ghàidhealtachd - gun obraich an eaconomaidh sin nas fheàrr dhan a h-uile duine - do choimhearnsachdan 's dhan a h-uile duine, gnothachasan san àireimh.
"Ach tha sinn uile an sàs còmhla, agus feumaidh sinn obrachadh còmhla 'son dèanamh cinnteach gun tachair sin. Sin na dh'iarramaidne fhaicinn dha-rìribh."
Tòisich ìosal
A rèir rannsachaidh a rinn an NC500 bha mòr-chuid de ghnothachasan an aghaidh leithid de chìs, 's iad draghail gun toireadh e droch bhuaidh orra.
"Saoilidh mi nach eil mòran de ghnothchasan ris am bi mise a' bruidhinn idir a' cur fàilte air a' chìs, ach tha gu leòr aca ag aithneachadh gu bheil cruaidh-fheum air in-ionmhas ann an turasachd," thuirt Mgr Richardson.
"Mar sin dheth, gan aindeoin, tha iad a' gabhail ris gum feum e tachairt.
"Saoilidh mi gur e an t-argamaid a bhiodh ann, ma tha thu a' dol a chur cìse an sàs, tòisich ìosal, faic ciamar a thèid dhan sin, agus an uair sin beachdaich air mar a leasaichear e.
"Na bi a' tòiseachadh le cìs àrd. Chan eilear ag iarraidh a bhith a' cluich le rudan.
"Chan eil duine againn a' tuigsinn an rud cu ceart.
"Chan eil fhios aig duine againn - tha sinn ag obair seachad air an eòlas a th' againn.
"Mar sin dheth, tòisicheamaid ìosal 's chì sinn mar a dh'obraicheas e."