Là Cuimhneachaidh ga chomharrachadh

Carragh-chuimhne nan Commando
Fo-thiotal an deilbh,

Seirbheis cuimhneachaidh aig Carragh-chuimhne nan Commando an Loch Abar

  • Air fhoillseachadh

Bha dà mhionaid de shàmhchair ann air feadh na dùthcha aig 11:00m Diluain gus cuimhneachadh air feadhainn a chaochail san dà chogadh mhòr agus ann an cogaidhean eile air feadh na cruinne.

Bha an Rìgh Tèarlach am measg na bha an làthair aig Seirbheis Nàiseanta a' Chuimhneachaidh ann an Lunnainn Didòmhnaich, còmhla ris na mìltean eile.

Carragh-chuimhne nan Commando

Bha seirbheisean cuimhneachaidh eile ann an coimhearsnachdan air feadh na dùthcha.

Nam measg bha seirbheis aig Carragh-chuimhne nan Commando ann an Drochaid an Aonachain.

Carragh-chuimhne nan Commando

Bha feadhainn a bha is a tha anns na feachdan armaichte am measg na chruinnich aig an t-seirbheis an Loch Abar.

Ann an Dùn Èideann, dh'fhàg Prìomh Mhinistear na h-Alba, John Swinney, fleasg aig Clach a' Chuimhneachaidh air a' Mhìle Rìoghail.

Carragh-chuimhne nan Commando

Tha am Prìomhaire, Sir Keir Starmer, anns an Fhraing Diluain gus deireadh a' Chogaidh Mhòir a chomharrachadh.

'S e seo a' chiad turas a bha prìomhaire Bhreatainn an sàs ann an seirbheis mar seo san Fhraing bho Winston Churchill ann an 1944.

Seirbheis sa Ghearasdan Didòmhnaich.
Fo-thiotal an deilbh,

Thàinig daoine cruinne còmhla aig seirbheisean air feadh na h-Alba Didòmhnaich, an tè seo sa Ghearasdan nam measg.