Deasbad mu ghearraidhean an cùram sòisealta an Earra-Ghàidheal is Bòd

- Air fhoillseachadh
Thathar a' beachdachadh air mullach a chur air na dh'fhaodas daoine de chùram fhaotainn san dachaigh aca ann an Earra-Ghàidheal is Bòd.
Tha oifigich Co-bhanntachd Cùram agus Slàinte (HSCP) na sgìre, taobh a-muigh a' moladh nach fhaigh seann daoine neo daoine so-leònta ach 28 uairean de thìde de chùram san t-seachdain aig a' char as motha.
Tha an aithisg aca ag ràdh gu bheil an t-iarrtas airson cùram san dachaigh a' sìor fhàs ach gu bheil dùbhlain an cois seirbheis a thoirt seachad ri linn dìth luchd-obrach agus ionmhais.
Bhathar a' moladh an toiseach gur e as motha de chùram a gheibheadh daoine aig an taigh 25 uairean de thìde san t-seachdain.
An dèidh beachdan a fhuair an HSCP bhon cho-chomhairle phoblach a rinn iad san Lùnastal tha oifigich a-nis a' moladh mullach de 28 uairean de thìde.
Rabhadh mun àm ri teachd
Tha an aithisg ag ràdh nach toir am poileasaidh ùr buaidh aig an ìre seo ach air àireamh bheag de dhaoine "a gheibh fhathast a' chùram a tha a dhìth orra, ach 's dòcha ann an dòigh dhiofraichte".
Tha oifigich cuideachd a' toirt rabhadh mu àm ri teachd: "Tha dùil aig an HSCP gum bi barrachd feum ann airson cùram sòisealta leis gum bi barrachd sheann daoine ann, ach nas lugha de luchd-obrach agus nas lugha de mhaoineachadh ann."
Thathar ag iarraidh gun tèid ath-sgrùdadh a dhèanamh air a' phoileasaidh a h-uile bliadhna airson dèanamh cinnteach gum faigh daoine an cùram a dh'fheumas iad leis an ionmas a bhios ri fhaotainn.
Bidh Bòrd an HSCP ga dheasbad aig coinneimh phoblaich ann an Dùn Omhain Diciadain.