Cast dràma Ghàidhlig ùir ga fhoillseachadh

Sorcha GroundsellTùs an deilbh, BBC ALBA
  • Air fhoillseachadh

Dh'fhoillsich am BBC fiosrachadh mu na cleasaichean a bhios a' nochdadh anns an t-sreath ùr dràma eucoir aca, An t-Eilean.

Thòisich fiolmadh airson an t-sreatha ann an Leòdhas, na Hearadh, agus ann an Glaschu.

'S e Caisteal Amhainnsuidhe ann an ceann a tuath na Hearadh a' phrìomh làrach san t-sreath.

Cosgaidh an sreath còrr air £1m gach earrann, agus 's ann air rannsachadh muirt a tha na ceithir earrainnean stèidhichte.

'S i Sorcha Groundsell, a chaidh àrach an Leòdhas agus ann an Glaschu, a tha a' cleas a' phrìomh charactair - oifigear ceangail teaghlaich a thilleas dhachaigh dhan eilean an dèidh murt bean mhilleanair.

Tha i roimhe air nochdadh ann an sreath His Dark Materials aig HBO, an dràma Shetland aig a' BhBC, agus The Innocents aig Netflix.

Cuideachd a' nochdadh ann tha Iain MacRath, a bh' anns an dràma Bannan, agus ann an Outlander air Amazon Prime, agus a' bhana-chleasaiche, sgrìobhaiche agus fiolmadair Elspeth Turner, a tha a' fuireach an Dùn Èideann.

Cothrom air leth

“Tha mi air leth toilichte a bhith mar phàirt den t-streath iongantach seo agus tha e na urram dhomh pàirt a ghabhail ann a bhith a’ briseadh talamh ùr don Ghàidhlig," thuirt Sorcha.

"Tha mi air a bhith an dòchas cothrom fhaighinn Gàidhlig a thoirt a-steach don obair phroifeasanta agam leis gu bheil i a’ ciallachadh uimhir dhomh.

“Chan urrainn dhomh smaoineachadh air pròiseact nas fheàrr na An t-Eilean airson seo a dhèanamh.

"Tha an taisbeanadh seo a’ faireachdainn mar chothrom air leth dhuinne, mar Ghàidheil, an cànan, an cultar agus na seallaidhean air a bheil sinn cho measail a thaisbeanadh dhan t-saoghal mhòr.”

Air a cho-sgrìobhadh leis an sgrìobhadair sgrìon/neach-cruthachaidh Nicholas Osborne (riochdaire Remember Me agus License to Wed) agus an sgrìobhadair sgrìon, Patsi NicChoinnich (Buidheagain agus An Clò Mòr), agus air a stiùireadh le Tom Sullivan (Arracht), tha An t-Eilean a’ faicinn ceathrar pheathraichean is bràithrean a’ cruinneachadh aig dachaigh an teaghlaich anns na h-Eileanan an Iar ‘s an athair fo cheasnachadh mu bhàs dìomhair am màthar.

Dh’ainmich BBC ALBA am pròiseact air a’ mhìos a chaidh mar an t-sreath dràma Ghàidhlig as motha ann an eachdraidh a’ chraoladair, a tha gu bhith a’ bualadh air sgrìonaichean eadar-nàiseanta ann an 2025.