Claidheamh bho Bhlàr Chùil Lodair ga reic aig rùp

ClaidheamhTùs an deilbh, BONHAMS
Fo-thiotal an deilbh,

Tha an claidheamh 87cm de dh’fhaid, agus comharra an neach a rinn e fhathast ri fhaicinn air.

  • Air fhoillseachadh

Thèid claidheamh a chaidh a lorg aig làraich Bhlàr Chùil Lodair a reic aig rùp.

Chaill feachdan a bha dìleas do na Stiùbhartaich am batal, air an 16mh den Ghiblean 1746, ri arm an riaghaltais fo stiùir Dhiùc Chumberland.

Thachair seo faisg air Inbhir Nis, agus chaill mu 1,600 neach am beatha – le na Seumasaich a dèanamh an àirde 1,500 de na bhàsaich.

Tha a' chompanaidh-rùp Bonhams a' tomhas gun tèid an claidheamh a reic airson eadar £500-£800.

ClaidheamhTùs an deilbh, BONHAMS
Fo-thiotal an deilbh,

Tha dùil gun tèid an claidheamh a reic aig rùp air-loidhne an t-seachdain sa tighinn, ann an Dùn Èideann.

Tha an claidheamh 87cm de dh’fhaid, agus comharra an neach a rinn e fhathast ri fhaicinn air.

Tha bileag phàipeir na chois air a bheil na faclan: "Chaidh seo a’ lorg aig Cùil Lodair às dèidh a' bhatail".

Tha dùil gun tèid seo a reic aig rùp air-loidhne an t-seachdain sa tighinn, ann an Dùn Èideann.

‘S i Blàr Chùil Lodair am batal mu dheireadh a chaidh a shabaid air talamh Bhreatainn. Sheas i nas lugha na uair de thìde.

Thug seo cumhachd nan Stiùbhartach gu ceann, agus an oidhirp aca gus an rìgh Stiùbhartach Seumas VIII a thoirt air ais chun na rìgh-chathair.