Aiseagan: Mu £3m air a chall le gnothachasan Uibhist

MV Lord of the Isles
  • Air fhoillseachadh

Sheall rannsachadh air buaidh eaconomach staing nan aiseagan ann an Uibhist gu bheil gnothachasan an eilein air £3m a chall eatorra ri linn eadar 2022 agus am-bliadhna.

Tha suidheachadh na bliadhna seo air a bhith nas miosa, a rèir an rannsachaidh, leis a h-uile gnothachas a fhreagair ag ràdh gu bheil iad mothachail air buaidh staing nan aiseagan am-bliadhna, an taca ri 94% an-uiridh.

A rèir na h-aithisg, a thàinig à rannsachadh a tha a' toirt a-steach ghnothachasan eadar Èirisgeigh is Beàrnaraigh na Hearadh, thathas a' tomhas gun do chaill iad timcheall air £2.3m eadar deireadh a' Mhàirt agus deireadh an Ògmhios nuair nach robh aiseag idir a' frithealadh air port Loch Baghasdail, cha mhòr fad nan trì miosan sin.

Tha e soilleir anns an aithisg gun tug seo buaidh air gnothachasan air feadh Uibhist gu lèir.

'S ann air gnothachasan aoigheachd as motha a thug e buaidh, le cha mhòr 60% dhiubh sin ag ràdh gun do rinn e call orra.

Chaidh rannsachadh coltach ris a dhèanamh an-uiridh fhad 's a bha am port gun aiseag airson trì seachdainean sa Chèitean.

Nuair a nìthear coimeas eadar an dà rannsachadh, a rèir na h-ùine a bhathas gun aiseag, tha a h-uile buaidh a bhathas a' faireachdainn an uairsin air a dhol am miosad am-bliadhna.

Tha eaconomaidh Uibhist air mu £3m a chall eadar 2022 agus am-bliadhna.

Dh'iarr a' bhuidheann ghnothachais gun cleachdar toradh an rannsachaidh seo an lùib cho-dhùnaidhean san àm ri teachd, gus nach tig leithid seo de chall air a' choimhearsnachd a-rithist.

Mura tèid sin a dhèanamh ge-tà, tha iad ag iarraidh gun cuirear taic an sàs a chuidicheas gnothachasan maireachdainn, fàs agus leasachadh san fharsainneachd.

Tha a' bhuidheann fhèin cuideachd a' beachdachadh air mar a bu chòir gnothachasan a chuideachadh le 's dòcha airgead-dìolaidh no dòighean eile mu choinneimh a' chaill a th' orra.

Fo-thiotal an deilbh,

Cha robh seirbheis aiseig idir aig Loch Baghasdail airson trì seachdainean sa Chèitean

Thuirt labhraiche às leth ChalMac: "Tha sinn ag aithneachadh foillseachadh na h-aithisg a dh'iarr Buidheann Buaidh Ghnothachais Uibhist a Deas.

"Tha fios againn gur e bliadhna gu math dùbhlanach a th' air a bhith ann do na coimhearsnachdan ionadail agus na gnothachasan a tha sinn a' frithealadh, ri linn na buaidhe a th' air a bhith aige seo, agus tha mi duilich airson sin.

"Tron bhliadhna seo tha sinn air a bhith a' coinneachadh ri ceannardan ghnothachasan agus choimhearsnachdan air an tug seo buaidh, agus tha sinn a' gealltainn cumail oirnn a' dèanamh sin, 's ag èisteachd ri 's a' tuigsinn na dh'fhiosraich iad, agus an cuid bheachdan air mar a ghabhadh piseach toirt air an t-seirbheis againn.

"Airson dèanamh cinnteach gun cluinn sinn bhuapa uile air a bheil seo a' toirt buaidh, tha sinn a' dol a thòiseachadh co-chomhairle a dh'aithghearr air molaidhean airson atharrachadh a thoirt air an Lìonra airson Prìomhachas Shlighean.

"'S e co-chomhairle thoinnte a tha seo, a tha ag amas air fiosrachadh fhaighinn bho uiread choimhearsnachdan 's a ghabhas.

"Tha na coimhearsnachdan eileanach againn airidh air seirbheis aiseig earbsach, agus fhad 's a chuirear fàilte air sia soithichean mòra agus deich soithichean beaga ùra, tha seusan doirbh air thoiseach oirnn gus an tig iad.

"Nì CalMac ar dìcheall airson lùghdachadh a thoirt air buaidh suidheachaidh a tha ag atharrachadh, agus airson coimhearsnachdan eileanach agus dùthail, agus gnothachasan, a fhrithealadh."

Thathas a' feitheamh beachd bho Chòmhdhail Alba.