“Atharrachadh a dhìth” mura tèid cùmhnant ChalMac a-mach gu tairgse

Bàt-aiseig
  • Air fhoillseachadh

Feumaidh atharrachadh mòr a bhith air a dhèanamh a thaobh mhanaidsearan agus luchd-stiùiridh ChalMac ma thèid co-dhunadh cùmhnant ùr seirbheisean aiseig Chluaidh agus Innse Gall a thoirt dhaibh gun phròiseas tairgse, a rèir Chathraiche Comataidh Còmhdhail Comhairle nan Eilean Siar, Ùisdean Robasdan.

Dh’innis Riaghaltas na h-Alba Diardaoin gur dòcha gun tèid an cùmhnant ùr a thoirt seachad do ChalMac gun fharpais.

Thuirt Ministear na Còmhdhail, Fiona Hyslop, gur e seo an roghainn a b' fheàrr leis an Riaghaltas, ged nach eil iad cinnteach aig an ìre seo.

Thuirt Mgr Robasdan gun robh e a’ tuigsinn carson a bha Riaghaltas na h-Alba a’ dèanamh seo, ach gun robh dragh air gum biodh seo a’ ciallachadh nach biodh atharrachadh sam bith ann.

“Dh’fheumte atharrachadh mòr a dhèanamh a thaobh manaidsearan agus an luchd-stiùiridh a tha aig CalMac nam biodh misneachd agamsa mun chùis.”

“Tha sinn air tòrr deasbaid a chluinntinn timcheall air CalMac agus CMAL a chur còmhla, no CMAL agus Còmhdhail na h-Alba a chur còmhla, ach ma tha na h-aon daoine gus a bhith a’ suidhe aig an aon bhòrd no aig bòrd diofraichte suidhichte air tìr-mòr chan eil aon dad a dol a dh’atharrachadh.

“Tha e gu math soilleir dhuinn nach eil duine a’ tuigsinn nan duilgheadsan a tha aiseigean ag adhbhrachadh sna h-eileanan,” thuirt e

Cùmhnant

Chaidh an cùmhnant a th' ann, luach £900m, a thoirt seachad do ChalMac ann an 2016 is iad air a bhith a' farpais an aghaidh na companaidh prìobhaidich, Serco.

Bha iomairt phoblach ann aig an àm gus an cùmhnant a thoirt do ChalMac.

Thig an cùmhnant sin gu ceann san t-Sultain 2024.

A' bruidhinn ri buill Holyrood Diardaoin, thuirt Fiona Hyslop gur e a bhith a' toirt a' chùmhnaint ùir do ChalMac às aonais pròiseas tairgse an rud a b' fheàrr leis an Riaghaltas a dhèanamh, ach gu bheil e am measg roghainnean air a bheilear a' coimhead agus gur dòcha gun tèid na seirbheisean a-mach gu tairgse fhathast.

Cha tèid an lìonra a bhriseadh an-àirde, thuirt i.

Fo-thiotal an deilbh,

Tha mì-thoileachas mòr air a bhith ann mu sheirbheisean aiseig.

"Bidh an Riaghaltas a' sireadh ghealltanasan gum faighear luach an airgid às a' chùmhnant a thoirt seachad gu dìreach.

"Mus tèid co-dhùnadh a ghabhail, bidh pròiseas oifigeil againn 'son measadh a dhèanamh air a' bhuaidh ionmhasail is laghail nan tachradh seo, is mar a dh'obraicheadh e.

"A thaobh luach is cho cudromach 's a tha e do choimhearsnachdan, tha seo am measg nan cùmhnantan as cudromaiche a bheir an Riaghaltas seachad, is tha e cho cudromach 's a ghabhas gum faigh sinn ceart e.

"Feumaidh sinn grunn rudan toinnte fhuasgladh mus tig sinn gu co-dhùnadh".

Thuirt am ministear gu bheil i mothachail nach biodh a h-uile coimhearsnachd toilichte nam faigheadh CalMac an cùmhnant ùr gun fharpais.

Dh'innis i nach urrainn ìre nan seirbheisean mar a tha iad leantainn, is nach rachadh an cùmhnant a thoirt seachad gu dìreach, gum biodh i an dùil gur e dòigh a bhiodh ann an suidheachadh atharrachadh, is gun tigeadh modail nas èifeachdaiche is nas sùbailte às.

Thuirt i gu bheil i an dùil gun tigeadh "cultar ùr stiùiridh às", a bhios nas taiceile do choimhearsnachdan is luchd-siubhail.

Tha dùil ri co-dhùnadh as t-Samhradh 2024.

Mhol Comataidh na Còmhdhail aig Holyrood as t-Samhradh gum bu chòir cùmhnant ùr deich bliadhna a thoirt do ChalMac.

Tùs an deilbh, AP

Thuirt ball pàrlamaid nan Eilean Siar, Alasdair Allan, nach bu chòir do ChalMac a bhith a' sùileachadh gun urrainn dhaibh cumail a' dol mar a tha iad, ged a gheibheadh iad cùmhnant aiseig a' Chosta an Iar gun fharpais.

Thuirt e gum feum coimhearsnachdan leasachaidhean fhaicinn.

“Tha na daoine a tha a’ ruith ChalMac a’ faireachdainn gu math fad às - bho àm gu àm – às na h-eileanan.

“Tha mi an dòchas gur e cothrom a th’ ann sin a chur ceart. Tha fios aig a h-uile duine gu bheil cus bhuidhnean ann a tha a’ ruith aiseagan ann an Alba agus tha daoine air a bhith a’ bruidhinn mu dheidhinn CMAL agus Comhdhail Alba a chur ri chèile, no CalMac agus CMAL.

“Ach co-dhiù tha cus ann agus chan eil daoine sna h-eileanan an sàs annta," thuirt e.

Thuirt Mgr Allan gu bheil e air a bhith ag argamaid fad bhliadhnaichean gum biodh tuilleadh dhreuchdan stèidhichte air Ghàidhealtachd agus anns na h-eileanan.

“Aig cnag na cùise feumaidh an ethos aig CalMac atharrachadh agus feumaidh sinn a bhith a’ faicinn CalMac mar sheirbheis phoblach. Chan e companaidh a th’ ann,” thuirt e.

Thuirt Ministear na Còmhdhail gu bheil i mothachail gu bheil feadhainn air iarraidh gum bu chòir na diofar bhuidhnean a tha a' dèiligeadh ri seirbheisean aiseig a thoirt còmhla.

Thuirt i gu bheil i ag aithneachadh gu bheil feum air atharrachadh a thaobh structair.

Mhìnich i ge-tà, nach tèid co-dhùnadh a dhèanamh aig an ìre seo, is gu bheil i 'son is gum bi prìomhachas air a' chùmhnant ùr agus air obair gus aiseagan ùra a thoirt a-steach a lìonra ChalMac.

Fo-thiotal an deilbh,

Dòmhnall Eòsa MacIllEathain, a tha na stiùiriche air Barratlantic

Tha Stiùiriche Barratlantic, Dòmhnall Eòsa MacIllEathain am measg na tha den bheachd gu bheil atharrachadh air structar nan seirbheisean aiseig bunataich gus adhartas a dhèanamh.

Dh’iarradh esan gun deadh cur às do CMAL.

"Cha bu chòir a bhith ann ach CalMac agus an Riaghaltas", thuirt e.

"Chan eil am piggy in the middle a tha seo - cha do dh'obraich sin ann an rud a-riamh.

"Cho cliobhar 's gun dèan iad air falbh le CMAL, 's e as fheàrr dhaibh.

"Cha bu chòir a bhith ann ach CalMac is an Riaghaltas, agus an Riaghaltas a bhith a' dèiligeadh ri CalMac, is chan e na trì buidhnean mar a th' aca an-dràsta

"Chan eil an dàrna duine ach a' cur na coire air an duine eile", thuirt e.