Dàil air cala domhain ùr Steòrnabhaigh

- Air fhoillseachadh
Tha dàil air tighinn air obair aig cala domhain ùr Steòrnabhaigh, ach bidh e deiseil airson nan soithichean turasachd ris a bheil dùil toiseach na h-ath mhìos, a rèir a' mhaighstir-chala.
B' e an aimsir a chuir maill air cùisean toiseach na bliadhna, agus a' ghaoth a' cur stad air na crainn mhòra a thathar a' cleachdadh.
Thadhail mu 50,000 neachd-turais air Steòrnabhagh ann an soithichean crùis an-uiridh.
Am-bliadhna, tha dùil ri eadar 70,000 agus 80,000, le dùil ris a' chiad shoitheach den bhliadhna air 1mh den Ghiblean.
Tha obair a' leantainn ge-tà, air cala domhain ùr airson fàilte a chur orra, agus dùil gun robh e gu bhith deiseil toiseach na bliadhna.

Ro Fhiadhaich
"Tha sinn an ìre mhath, tha an cidhe mòr fhèin, tha e deiseil," thuirt Maighstir-chala Steòrnabhaigh, Alasdair Mac a' Ghobhainn.
"Agus an cidhe tarsainn, thathar ag obair aig a' cheann a-staigh aige.
"Chan eil feum againn air sin airson grunn mhìosan.
"Bha a' chiad sia seachdainnean den bhliadhna cho fiadhaich.
"Bha geile an dèidh geile 's cha mhòr gun robh na crainn a' faighinn an-àirde.
"Ma tha i ro fhiadhaich chan urrainn dha na crainn a bhith ag obair.
"Faodaidh tu a ràdh gun do chaill sinn sia seachdainnean mar sin.
"Ach fhuair sinn air adhart le rudan eile, 's tha an cidhe mòr fhèin deiseil," thuirt e.
Fosgladh Oifigeil
Cha bhi an cala ùr domhain fosgailte gu h-oifigeil nuair a nochdas a' chiad shoitheach den bhliadhna ge-tà, agus chan eil cinnt ann aig an ìre seo cuin a thèid an leasachadh fhosgladh gu h-oifigeil.
"Cha bhi e ann mus tig a' chiad shoitheach," thuirt Mgr Mac a' Ghobhainn.
"Tha am fosgladh oifigeil gu bhith ann, chan eil fhios agam cuin.
"Bidh e ann uaireigin as t-samhradh, ach chan eil mi cinnteach fhathast cuin no cò tha ga dhèanamh.
"Ach tha mi a' creidsinn gum faodadh tu a ràdh gur e "soft start" a bhios an leis a' chiad tè no dhà 'son eòlas fhaighinn air an àite 's dè mar a tha dol dhuinn," thuirt e.