Faraidhean adhair nas ìsle do Bharraigh is Thiriodh

- Air fhoillseachadh
Gheibh muinntir Bharraigh is Thiriodh tiocaidean pleàna nas saoire air an t-slighe air ais 's air adhart a Ghlaschu.
Tha seo mar phàirt den chùmhnant ùr PSO 'son nan seirbheisean.
An-dràsta 's e Loganair a bhios a' ruith nan seirbheisean seo a tha fo Òrdugh Seirbheis Phoblaich (PSO), agus 's iad a fhuair an cumhnant ùr, a tha a' maireachdain ceithir bliadhna, is a tha a' tòiseachadh an t-seachdain seo.
Fad bliadhna - 's e £91 a' phrìs as àirde air tiocaid shingilte eadar Barraigh is Glaschu, is £81 eadar Tiriodh is Glaschu.
Bidh a' phrìs sin ann do mhuinntir Cholla cuideachd.
Thuirt Còmhdhail Alba gu bheil e an urra ri Loganair fhèin a bheil iad 'son prìsean nas ìsle na seo a thabhainn, a thuilleadh air prìsean a stèidheachadh do luchd-siubhail nach eil a' fuireach anns na h-eileanan seo.
Tha an cùmhnant ùr cuideachd a' tabhainn barrachd sheirbheisean a Bharraigh aig na h-amannan as trainge, agus a' cumail àitichean do dh'euslaintich a tha a' siubhal gun mòran rabhaidh.