£1.7m ga ghearradh le Comhairle nan Eilean Siar

- Air fhoillseachadh
Dh'aontaich Comhairle nan Eilean Siar ri gearraidhean luach £1.7m sa bhuidseat aca.
Bidh mòran de na gearraidhean a' bualadh air seirbheisean foghlaim.
Aig coinneimh Dimàirt ghabh comhairlichean cuideachd ri moladh cha mhòr dàrna leth den stòras-airgid aca a chur gu feum gus nach biodh aca ris a' chòrr ghearraidhean a dhèanamh aig an ìre seo.
Dh'aontaich iad Cìs na Comhairle a reòthadh a rèir poileasaidh Riaghaltas na h-Alba.
Bidh ceannard na Comhairle an sàs ann an còmhraidhean Diciadain le buidheann-riochdachaidh nan comhairlean, COSLA, agus an Leas-Phrìomh Mhinistear, Shona Robison, agus iad a' sireadh airgid a bharrachd bhon Riaghaltas airson nan ùghdarrasan ionadail.
Cead do stuth X?
Tha stuth bho X an lùib an artaigil seo. Tha sinn a’ sireadh cead bhuat mus tèid dad a luchdachadh, thoireadh ‘s dòcha gun cleachd iad briosgaidean agus teicneòlas eile. Faodaidh tu na poileasaidhean aig X mu bhriosgaidean a leughadh, taobh a-muigh agus am poileasaidh prìobhaideachd aca, taobh a-muigh mus gabh thu ris. Airson coimhead air an stuth seo buail air ‘gabh ris agus lean air adhart’.
"'S e bliadhna dhuilich a th' air a bhith ann, ri linn cha d' fhuair sinn £2.3m a bharrachd," thuirt Leas-Cheannard na Comhairle, Donnchadh MacAonghais.
"Chan eil againn ri coimhead ach cosgaisean a bharrachd, ri linn chaidh prìsean an-àirde, chaidh pàigheadh luchd-obrach an-àirde, agus le sin bha £3.8m againne ri chaitheamh dhan sin.
"Agus mar sin thòisich sinn le £1.5m nas lugha na bhathar an dùil an-uiridh.
"Saoilidh mi gun deach adhartas math a dhèanamh, agus chaidh a h-uile roinn anns a' Chomhairle timcheall air dè mar a gheibheadh iad air gearraidhean £1.7m a dhèanamh.
"Fhuair sinn air buidseat a stèidheachadh, tha sinn a' faicinn gur e seo bliadhna dhuilich, agus bidh sinn a' coimhead air adhart ri gum bi cùisean nas fheàrr," thuirt e.
Am measg nan gearraidhean as motha a chaidh aontachadh tha còrr is £400,000 bho bhuidseat nan sgoiltean agus an fhoghlaim, le buidseat sgoiltean-àraich a' call £150,000.
Chaidh gabhail ri molaidhean còrr air £100,000 a thoirt a-mach à buidseat nan seirbheisean do chloinn so-leònta, agus £30,000 a thoirt air falbh bho chòmhdhail airson sgoilearan le feumalachdan a bharrachd.
Thug an aithisg a chaidh air beulaibh chomhairlichean rabhadh gum bi aca ri co-dhùnaidhean nas duilghe buileach a dhèanamh sna bliadhnaichean a tha ri teachd.
Bus na h-Oidhche
Bha moladh anns an aithisg gun deadh cur às do sheirbheisean bus na h-oidhche eadar Steòrnabhagh agus sgìre an Loch a Tuath, agus an Taobh Siar aig deireadh a' Mhàirt airson £120,000 a shàbhaladh.
Ach an dèidh don Chomh. Dòmhnall Crichton atharrachadh a chur air adhart chaidh aontachadh teachd-a-steach Oighreachd a' Chrùin a chleachdadh airson sin a ghlèidheadh.
Achd nan Eilean
Le sùil ri coinneamh COSLA Diciadain, bha Mgr MacAonghais soilleir a thaobh na dh'iarradh a' chomhairle fhaicinn.
"Tha sinn an dòchas gun tig barrachd airgid dha na comhairlean.
"Tha iad ag ràdh rinn gum feum sinn àireamh shònraichte de luchd-teagaisg a chumail a' dol.
"Tha sinne mar chomhairle, tòrr fa-near dhuinn anns a' bhliadhna a tha romhainn.
"Thathas a' coimhead ri seirbheis-adhair a chumail eadar Steòrnabhagh is Beinn na Faoghla. Chan eil sinn a' faighinn taic sam bith bhon Riaghaltas airson sin a dhèanamh.
"Agus saoilidh mi, mar a chaidh an lagh a dhèanamh airson dìon eileanan ann an 2018, mar a chanas sinn "Island Proofing" chan eil sinn air faicinn càil dheth sin a' tighinn bhon Riaghaltas ann an Dùn Èideann, agus saoilidh mi gur e obair là tòiseachadh a bha sin nuair a chìtheadh iad gu bheil am bith-beò anns na h-Eileanan a' cosg tòrr a bharrachd seirbheisean a thoirt seachad na tha iad ann am bailtean mòra," thuirt e.