An t-Eilean - dràma ùr Gàidhlig
- Air fhoillseachadh
Tha BBC ALBA air sreath dràma Gàidhlig ùr a choimiseanadh.
'S e an t-Eilean ainm an dràma agus bi buidseat de chòrr is £1millean aig gach prògram, le 4 pàirtean.
Thàinig an sgeulachd bhon sgrìobhadair is neach-cruthachaidh, Nicholas Osborne (Remember Me agus License to Wed) ag obair cuide ris a’ cho-sgrìobhadair, Patsi NicChoinnich (Buidheagain agus An Clò Mòr).
’S e sgeulachd eucoir suidhichte ann an Innse Gall a th’ anns An t-Eilean.
Tha e a’ leantainn teaghlach tro rannsachadh muirt am màthar a chaidh a lorg marbh ann an caisteal an teaghlaich.
Tha a cuid chloinne, a tha a-nis nan inbhich, a’ tilleadh dhachaigh agus an athair ga cheasnachadh mu a bàs.
Bidh An t-Eilean air a riochdachadh le Black Camel Pictures, (a riochdaich an t-sreath TBh ainmeil, Annika) agus air a stiùireadh le Tom Sullivan (aithnichte airson an fhiolm Arracht).
Dùil gun tòisich fiolmadh as t-Earrach
Thuirt Bill MacLeòid, neach-deasachaidh coimiseanaidh aig BBC ALBA: “Bidh An t-Eilean buadhmhor dha BBC ALBA – leis a’ bhuidseat as motha, ’s e an dràma TBh as cliùitiche againn gu ruige seo.”
“Tha sinn an-dràsta a’ taghadh chleasaichean agus àiteachan àlainn airson fiolmadh gus an sgeulachd sgoinneil Gàidhlig seo a thoirt beò do luchd-amhairc air feadh na cruinne”.
Tha dùil gun tòisich fiolmadh ann an eileanan àlainn nan Eilean Siar as t-Earrach 2024.
Thig tuilleadh fiosrachaidh mu na cleasaichean a bhios san t-sreath a dh’aithghearr.
Thuirt Arabella Page Croft, Àrd-Riochdaire aig Black Camel Pictures: “Tha e air a bhith na thoileachas agus na bhrosnachadh dhuinn am pròiseact gaoir-sgeul seo a leasachadh còmhla ri BBC ALBA agus tha sinn air bhioran gus an tòisich fiolmadh ann an eileanan àlainn Leòdhais agus na Hearadh an ath mhìos.”
Thèid an dràma ùr a chraoladh gu h-eadar-nàiseanta le taic bho MG ALBA agus bhon bhuidheann-sgaoilidh, All3Media International.
Chaidh An t-Eilean a’ leasachadh le taic bho Sgrìon Alba.