Deireadh na slighe dhan Hebridean Isles

MV Hebridean IslesTùs an deilbh, CalMac
  • Air fhoillseachadh

Fàgaidh an MV Hebridean Isles cabhlach ChalMac san t-Samhain an dèidh cha mhòr 40 bliadhna a' seòladh.

Tha an soitheach, a tha am measg an fheadhainn as sine a th' aig CalMac, air a bhith a' frithealadh choimhearsnachdan air a' chosta an iar bhon Dùbhlachd 1985.

'S ann air slighean Ìle a tha i air a bhith ag obair sna bliadhnaichean mu dheireadh.

Thèid a' chiad bhàta ùr de cheithir a tha gan togail san Tuirc, an MV Isle of Islay, na h-àite an sin nas fhaide den bhliadhna.

Thèid an dàrna bàta ùr, an MV Loch Indaal, air slighean Ìle cuideachd, agus obair a' leantainn gus leasachadh a thoirt air goireasan a' chala aig Ceann na Creige air tìr-mòr, agus ann am Port Asgaig ann an Ìle fhèin, mus tig na soithichean ùra.

Cuiridh an dà bhàta còmhla 40% ris na dh'fhaodas de charbadan agus bhathair a bhith air an giùlain air an t-slighe.

"'S e bhith faighinn cuidhteas an MV Hebridean Isles an ceum as ùire ann an atharrachadh mòr aig CalMac, agus cabhlach nam bàtaichean mòra againn ga ùrachadh ro 2026," thuirt Stiùiriche Manaidsearachd Cabhlaich ChalMac, Craig Ramsay.

"Nam biodh sinn a' dol a chumail an Heb Isles, bha obair-càraidh mhòr a dhìth oirre le cho sean 's a tha i, agus an staid sa bheil i san fharsainneachd, agus chumadh seo a-mach à seirbheis i fad grunn mhìosan.

"Le bhith ag innse an-dràsta gu bheil sinn ga cur bhuainn, tha sinn ag iarraidh cinnt a thoirt do choimhearsnachdan air thoiseach air a' gheamhradh.

"Thèid soithichean nam pàirt bhunaiteach de na coimhearsnachdan eileanach a bhios iad a' frithealadh, agus bidh co-obraichean CalMac agus eileanaich, gu h-àraid an Ìle, ga h-ionndrainn an dèidh seirbheis cho fada.

"Tha sinn airson seo a chomharrachadh ann an dòigh air choireigin san t-Samhain."

Tha an Heb Isles air a bhith air cha mhòr a h-uile slighe aig CalMac thairis air an 39 bliadhna mu dheireadh.

Thig a cead obrach gu crìch air an 21mh là den t-Samhain, a' fàgail gun tèid a toirt a-mach à seirbheis ron deit sin. Tha dùil aig CalMac gun tachair sin mu mheadhan na mìos, gus ceadachadh gun tèid a cur gu goireas ath-chuairteachaidh 's an cead fhathast beò.