Luchd-coise a-mhàin air an Isle of Lewis ri linn trioblaid theicnigeach eile

An MV Isle of LewisTùs an deilbh, JACK WOLFF
Fo-thiotal an deilbh,

Tha buaidh air a bhith air seirbheisean an Isle of Lewis airson ceithir là a-nis

  • Air fhoillseachadh

'S iad a-rithist luchd-coise a-mhàin as urrainn seòladh air an Isle of Lewis eadar Steòrnabhagh is Ullapul Dimàirt agus trioblaidean ùra air nochdadh leis an t-siostam eadhaireachaidh air deic nan carbadan.

'S ann Diardaoin a chaidh a thòisich na trioblaidean teicnigeach leis an Isle of Lewis.

Ged a fhuair fuasgladh gu ìre a dh'fhàg gun robh e comasach 30 carbad a ghabhail, nochd an uairsin trioblaidean às ùr.

Tha dùil ri tuilleadh fiosrachaidh mu 4:30f Dimàirt mu sheòlaidhean Diciadain.

'S àbhaist don Loch Seaforth a bhith air an t-slighe ach tha i an-dràsta san doc 'son seirbheis bhliadhnail.

Dh'atharraich CalMac clàr-ama an Hebrides gus seòlaidhean a bharrachd a chur air dòigh.

Gheibhear am fiosrachadh as ùire air làrach-lìn ChalMac, taobh a-muigh.

Tha CalMac ag ràdh gu bheil iad duilich mun bhuaidh a bhios aig an t-suidheachadh air luchd-siubhail agus na coimhearsnachdan a tha iad a' frithealadh.