A83 dùinte an dèidh maoim-slèibhe

- Air fhoillseachadh
Tha an A83 ann an Earra-Ghàidheal dùinte gach taobh an dèidh maoim-slèibhe.
Thachair a' mhaoim aig Drochaid Ime ann an Gleann Chonghlais, faisg air an Rest and Be Thankful.
Tha an rathad dùinte eadar an t-Àrchar agus an Càrn Dubh.
Thuirt Bear Alba gu bheil trafaig ga cur taobh an A82, an A819 agus an A85.
Tha sgrùdadh geo-teicnigeach a dhìth thuirt iad, mus tòisich obair gus an sprùilleach a thoirt far an rathaid.