Dàil ùr air aiseagan ChalMac a tha gan togail san Tuirc

SoitheachTùs an deilbh, CMAL
  • Air fhoillseachadh

Tha dàil eile air a thighinn le togail bhàtaichean-aiseig ùra dha CalMac san Tuirc ri linn dìth luchd-obrach.

Thuirt litir bho CMAL - a' chompanaidh leis an riaghaltas a bhios a' cumail bhàtaichean aig CalMac - nach bi a' chiad tè de bhàtaichean-aiseig Ìle a-nis deiseil gu co-dhiù deireadh an Òg-mhìos, ged a bha dùil rithe an toiseach san Dàmhair a chaidh.

Tha seo a' tighinn aig àm dùbhlanach airson CalMac le dìth shoithichean aig a' chompanaidh mar-thà agus iad a' dèiligeadh ri grunn thrioblaidean leis a' chabhlach.

Thuirt Còmhdhail Alba gur e "briseadh-dùil" a th' anns an dàil às ùire ach gun deach adhbhrachadh le cùisean eadar-nàiseanta nach eil fo smachd a' ghàrraidh a tha a' togail nan soithichean.

Cuin a bhios na h-aiseagan deiseil?

Chaidh a' chiad soitheach, an MV Isle of Islay, a chur air bhog bho chonn bliadhna le Mòrag NicNèill, cathraiche CMAL, ann an cuirm aig gàrradh shoithichean Cemre san Tuirc.

Chaidh an dàrna soitheach, an MV Loch Indaal, a chur air bhog trì mìosan as dèidh sin le bean stiùiriche shoithichean CMAL Jim MacAnndrais.

Fhuair iarrtas saorsa fiosrachaidh leis a' BhBC gun robh 10 de luchd-obrach CMAL agus na h-aoighean aca an làthair aig an tachartas, le cosgaisean de cha mhòr £10,000 airson siubhail agus àitichean-fuirich.

Chaidh ceann-là an Isle of Islay, a bhios a' frithealadh Eilean Ìle, a chur air adhart bhon Dàmhair an-uiridh gu meadhan a' Ghearrain, ach a-nis cha bhi i deiseil chun Òg-mhìos co-dhiù.

Thuirt CMAL gu bheil iad an dùil gun tig na soithichean eile sia mìosan às dèidh a chèile bhon cheann-là nuair a bhios an MV Islay deiseil.

Bhiodh seo a' ciallachadh nach biodh an MV Loch Indaal, a bhios cuideachd a' frithealadh Ìle, deiseil gu deireadh na bliadhna aig a' char as tràithe, ged a bha dùil rithe an toiseach san Òg-mhìos.

As dèidh an Loch Indaal, bidh dùil ris an MV Lochmor agus MV Claymore, a bhios a' seòladh eadar an t-Eilean Sgitheanach, Na Hearadh, agus Uibhist a Tuath.

"Coimhearsnachdan Eileanach air an Trèigsinn"

Thuirt tè-labhairt chòmhdhail nan Tòraidhean Sue Webber: "'S e buille eile a tha seo do choimhearsnachdan eileanach, a tha air an sgreamhachadh le dàil ann a bhith ag ùrachadh nan aiseagan aca.

"'S ann aig ministearan an SNP a tha an dleastanas deireannach airson an sgainneil nàiseanta a tha seo.

"Cha b' urrainn dhan dàil seo a bhith air tachairt aig àm na bu mhiosa, le clàr-ama an t-samhraidh mar-thà air a chuingealachadh is uidhir de sheann aiseagan feumach air obair-càraidh.

"Cha ghabh a chreidsinn nach eil ministear bhon SNP air an dreuchd a leigeil dhiubh no nach deach an cur a-mach às an dreuchd ri linn an t-suidheachaidh seo."