Dàibhearan an sàs san iomairt 'son lorg fhaighinn air deugaire a tha a dhìth an Leòdhas
- Air fhoillseachadh
Chuir na Poilis stad air carbadan agus luchd-coise madainn Diluain mar phàirt den iomairt aca lorg fhaighinn air deugaire à Steòrnabhagh.
Tha seachdain ann bho chaidh Aleksandr Benga, 16, fhaicinn mu dheireadh.
Chaidh daoine a cheasnachadh le na poilis timcheall air an sgìre sa Ghearraidh Chruaidh air Rathad a' Ghlinne agus mun aon àm a chunnacas mu dheireadh e feuch am faigh iad an còrr fiosrachaidh.
Thuirt an t-Àrd-Inspeactair Sìne NicCoinnich: "Tha sinn an dòchas 's dòcha cuimhne dhaoine a phiobrachadh.
"Tha sinn ag iarraidh air daoine sùil a thoirt air dealbhan dashcam neo ìomhaighean CCTV prìobhaideach eadar Rathad a' Ghlinne agus Cameron Terrace agus eadar Marybank agus a-mach gu Rathad a' Phentland agus fios a chur air na Poilis air 101."
Chaidh a ràdh gu bheil an deugaire 6tr. is 2òir. a dh'àirde agus gu bheil e caol le falt goirid donn.
Nuair a chaidh Aleksandr fhaicinn mu dheireadh bha geansaidh bèis air, dìnichean dubha, agus dh'fhaodadh gu bheil seacaid dhearg aige.
Dh'fhaodadh cuideachd gun robh bonaid bhuidhe aige, thuirt na poilis.
Tha oifigearan sònraichte bho thìr-mòr fhathast air an eilean a' cumail taic riutha, mhìnich an t-Àrd-Inspeactair NicCoinnich.
Tha suas ri 50 duine gach là air a bhith an sàs san iomairt.
"Tha grunn luchd-comhairle a tha eòlach air rannsachadh againn, coin rannsachaidh nam poileas cho math ri luchd-teasairginn nam beann bho HEBSAR agus sgioba Dhùn Dòmhnaill agus Asainte.
"Bidh sgioba dhàibhearan a' tighinn an-diugh agus dh'fhaodadh daoine iad sin fhaicinn ag obair sa Ghearraidh Chruaidh."
Thuirt an t-Àrd-Inspeactair nach eil dearbhadh aca mu na rinn Aleksandr an dèidh mar a chaidh fhaicinn mu dheireadh bho chionn seachdain.
"Bha oifigearan sònraichte agus coin rannsachaidh a-muigh air Rathad a' Phentland an-dè a' coimhead sna h-àirighean agus sna dìgean ach cha deach càil a lorg.
"Tha sinn le dragh mòr mu Aleksandr leis cho dona 's a tha an t-sìde air a bhith san t-seachdain mu dheireadh, gu h-àraid ma tha e fhathast air a' bhlàr a-muigh.
"Tha sinn an dòchas gu bheil e air fasgadh a ghabhail an àiteigin agus tha sinn ag iarraidh daoine sùil a thoirt air seadaichean agus toglaichean eile."
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadhBho chionn 6 làithean