An cunnart bho theintean monaidh air feadh Alba aig ìre èiginnich

Teine monaidh san Eilean SgitheanachTùs an deilbh, SAM BILNER
Fo-thiotal an deilbh,

Sgap teine mòr mu mhìle a dh'fhaid san Eilean Sgitheanach aig toiseach na seachdain

  • Air fhoillseachadh

Tha Seirbheis Smàlaidh na h-Alba a' toirt rabhaidh mun chunnart bho theintean a-muigh air an tuath Dihaoine agus Disathairne.

Rinn iad fhèin agus Fòram Fiadh-bheatha na h-Alba iarrtas gum bi daoine fìor fhaiceallach agus gun teine a chur thuige air a' bhlàr a-muigh.

Tha an rabhadh a' tighinn agus luchd-smàlaidh air a bhith a' dèiligeadh ri grunn theintean air a' bhlàr a-muigh o chionn ghoirid an dèidh sìde bhlàth thioram a bhith againn airson speil mhath.

Bha luchd-smàlaidh air an gairm a-mach gu teine mòintich ann am Pennyland ann an Gallaibh feasgar Diaordaoin.

Chaidh aig criuthaichean à Inbhir Theòrsa, Liabost agus às a' Bhlàran Odhar air smachd fhaighinn air an dèidh trì uairean de thìde.

Aig toiseach na seachdain bha luchd-smàlaidh bho thrì stèiseanan ionadail a' strì ri teine monaidh mu mhìle a dh'fhaid ann an Gleann Dail san Eilean Sgitheanch.

Le tuilleadh aimsir mhath air fàire, tha an t-Seirbheis Smàlaidh a' cur ìmpidh air a' phoball a bhith cùramach.

Tha iad ag ràdh gu bheil e an urra ri daoine a bhith gan giùlain fhèin ann an dòigh chiallach, agus gun a bhith a' losgadh theintean a-muigh air eagal 's gun sgap iad.