Fiosrachaidh ga shireadh mu dhà theine mòintich mòr an Gallaibh

Tha an teine seo san Eilean Sgitheanach am measg grunn theintean a-muigh air an tuath o chionn ghoirid
- Air fhoillseachadh
Tha na poilis ann an Inbir Theòrsa a' sireadh fiosrachaidh mu dhà theine mòr a sgap air a' mhòintich faisg air Inbhir Theòrsa.
Fhuair iad fios mu na teintean faisg air Slighe John Kennedy mu 3.30f. Diaordaoin, agus aig 4.00f. Dihaoine.
Bha trì carbadan-smàlaidh an sàs san iomairt smachd fhaighinn air.
Thuirt na poilis gun robh e air leth gòrach agus cunnartach na teintean a thòiseachadh leis cho faisg 's a bha iad air taighean dhaoine.
Thachair seo an dèidh mar a sgaoil Seirbheis-smàlaidh na h-Alba rabhadh mu theintean air a' bhlàr a-muigh.
Tha na poilis ag iarraidh air daoine le fiosrachadh a dh'fhaodadh a bhith feumail dhaibh fios a chur thuca air 101, le àireamh na cùise 2263 10mh den Ghiblean.

Bha teintean a' dol fad làithean ann an Eilean Arainn
Tha speil mhath de shìde bhlàth thioram air fàgail gun robh grunn theintean monaidh an Alba bho chionn ghoirid:
Obair Dheathain: Fhuaireadh fios mu theine mòr oidhche Ardaoin aig Cnoc Cheann Coirthe. Chaidh dà charbad-smàlaidh ann.
Monadh Pentland faisg air Dùn Èideann: Thòisich teine air talamh feòir mu 1cm de dh'fhaid Diaordaoin. Bha luchd-smàlaidh ann gu oidhche Haoine.
Eilean Arainn: Bha teine monaidh mòr a' dol fad làithean. Bha trì chriuthaichean a' dèiligeadh ris.
Eilean Bhòid: Fhuaireadh fios mu theine air talamh feòir 1.5 mìle de dh'fhaid madainn Dimàirt.
Bonhill, Siorrachd Dhùn Bhreatainn an Iar: Chaidh sia criuthaichean de luchd-smàlaidh a ghairm airson dèiligeadh ri teine fiadhaich mu 1.5 mìle de dh'fhaid.
Gleann Dail, an t-Eilean Sgitheanach: Thòisich teine mu dhà mhìle de dh'fhaid air a' mhòintich Dimàirt.
Àth Tharracail air a' Ghàidhealtachd: Bha teine a' dol fad dà là agus bha dà sgioba de smàladairean a' strì ris.
Stac Pollaidh: Bha sia carbadan-smàlaidh a' strì ri teine mòr air an 6mh den Ghiblean.