CnaG le sùil air ais agus sùil air adhart

CnaGTùs an deilbh, COMUNN NA GÀIDHLIG
  • Air fhoillseachadh

Tha co-labhairt ga cur air dòigh tràth an ath-bhliadhna airson coimhead ri eachdraidh leasachadh na Gàidhlig agus na feumalachdan a thaobh leasachadh cànain am measg òigridh san àm ri teachd.

Bidh a' cho-labhairt ann an Steòrnabhagh air 27mh Gearran, ach faodaidh daoine nach urrainn a bhith an làthair a leantainn air loidhne cuideachd.

'S iad Comunn na Gàidhlig a th' air cùlaibh an tachartais, a tha am measg nan rudan mu dheireadh a nì iad airson comharrachadh gu bheil 40 bliadhna ann bho chaidh a' bhuidheann a stèidheachadh.

Tha iad ag ràdh gu bheil e deatamach gun tèid suidheachadh a' chànain san fharsaingeachd a dheasbad, ged a bhios fòcas aca gu sònraichte air òigridh.

Thuirt Ceannard ChnaG, Dòmhnall MacNèill: "Tha sinne a' dèanamh fiughair ris a' cho-labhairt seo a chur air bhonn, a bhios gach cuid a' coimhead air ais air eachdraidh ChnaG – a tha na phàirt mhòr de eachdraidh leasachadh na Gàidhlig - agus a' coimhead air adhart."

Tha e ag ràdh gu bheil còignear cheannardan air a bhith os cionn ChnaG bho 1984 agus gu bheil e an dòchas gum bi iad uile an làthair ann an dòigh air choireigin.

Fo-thiotal a’ bhidio,

Tha Dòmhnall MacNèill ag ràdh gu bheil cruaidh fheum air suidheachadh na Gàidhlig a dheasbad

A thuilleadh air an sin, thuirt Mgr MacNèill: "Bidh sinn cuideachd a' cosg deagh chuid den là a' coimhead air adhart. Bidh fios aig mòran gu bheil sinn an sàs an-dràsta, còmhla ri com-pàirtichean, ann a bhith a' deasachadh Ro-innleachd Òigridh Gàidhlig. Tha sinn airson gum bi gu leòr den òigridh fhèin an sàs, agus gum bi cothrom acasan an guth fhèin a thogail."

"Mar phàirt dhen sin, tha sinn air a bhith an sàs ann an suirbhidh nàiseanta am measg òigridh. Tha siud fosgailte fhathast – gu 18mh Dùbhlachd – ach mar-tha tha sinn air ar targaid de mhìle freagairt a ruighinn. Dhuinne dheth tha siud na dhearbhadh air an ùidh a tha aig daoine anns an obair seo, agus le suid bhiodh sinn a' sùileachadh còmhradh gu math pungail is beòthail aig a' cho-labhairt."

Tha a' chompanaidh Astar Media a' cumail taic ri CnaG gus gnothachan na co-labhairt a chur air dòigh, agus tha dùil gum bi fiathachaidhean gan sgaoileadh san aithghearrachd.

Thèid prògram na co-labhairt fhoillseachadh rè ùine.

Cumar a' cho-labhairt aig Taigh Òsda a' Chaladh, ann an Steòrnabhadh eadar 9.00m – 4.30f, Diardaoin 27mh Gearran.

Bidh sruth-beò air loidhne cuideachd.

Bu chòir do dhaoine a lùigeadh a dhol chun na co-labhairt fios a chur gu Ceitidh NicAonghais aig Astar Media air katie@astarmedia.scot