Cha dhùinear an A832 tron là

- Air fhoillseachadh
Dhearbh SSEN gum bi rathad an A832 fosgailte tron là fhad 's a thèid obair-leasachaidh a dhèanamh mar phàirt de phròiseact airson càball ùr dealain a' Chuain Sgìth a cheangal ris a' ghriod nàiseanta.
Tha seo a' leantainn air co-chomhairle le coimhearsnachdan a chleachdas an rathad a nochd dragh mòr mu phlana a bh' ann a bhiodh air gach taobh den rathad a dhùnadh tron là fad 4.7km gun ach corra chothrom fhaighinn draibheadh troimhe tron là.
Thuirt a' choimhearsnachd gun cuireadh an t-slighe eile a bhathar a' moladh 80 mìle ris an turas aca.
Thog iad dragh mun bhuaidh air am beatha is cuideachd air turasachd.
Dhearbh SSEN san t-Sultain gun cuireadh iad toiseach a h-obrach air ais chun an Fhaoillich fhad 's a bha iad a' trusadh bheachdan bho na coimhearsnachdan.
Tha an obair gu bhith ag ùrachadh 's a' leasachadh shaidhbhearan tro am bi na càballan a' dol fon rathad air an slighe à Dùn Dòmhnaill gu ionad-dealain sa Mhanachainn.
Cha toir seo buaidh ach air earrainnean a bhios mu 200m de dh'fhaid aig aon àm.
Bidh an dàrna ìre de dh'obair a' dùnadh an rathaid buileach air an oidhche airson grunn seachdainnean as t-samhradh 2026, le seach-shlighe taobh Gheàrrloch ann an àite.
Co-chomhairle
Leanaidh obair eile airson claisean agus saidhbhearan eile a chur an sàs aon uair 's gu bheil an earrann sin deiseil, agus mairidh an obair sin mu 18 mìosan, le aon lèana den rathad gu bhith dùinte agus riaghladh trafaig an sàs.
Nochd muinntir na sgìre dragh mun bhuaidh a bheireadh an obair air an rathad a tha na phàirt de shlighe an NC500.
Thèid dà thachartas co-chomhairle a chumail nas fhaide den mhìos leis a' chiad fhear ann an Talla an Uillt Bheithe air an 27mh là den Dàmhair eadar 6:00f agus 8:00f.
Bidh an dàrna tachartas ann an Eaglais Bhad a' Chall ann an Dùn Dòmhnaill air an 28mh den Dàmhair aig an aon uair.
"Bu mhath leinn taing a thoirt dhaibhsan uile a thug dhuinn fiosrachadh a' freagairt nam molaidhean a bh' againn an toiseach, 's tha sinn air freagairt a thoirt dhaibh leis na planaichean ùra againn a leigeas leinn buaidh na h-obrach riatanaich seo a lùghdachadh air muinntir an àite agus air luchd-cleachdaidh an rathaid," thuirt Stiùiriche a' Phròiseict aig SSEN Transmission, Niall MacLeòid.
"Tha sinn a' gealltainn cumail oirnn a' bruidhinn ri luchd-cleachdaidh an rathaid, ri muinntir an àite mar phàirt den phròiseact seo."