Bìobhairean an Gleann Afraig?

BìobhairTùs an deilbh, Getty Images
  • Air fhoillseachadh

Dh'fhaodadh gur e Gleann Afraig air a' Ghàidhealtachd an ath-sgìre a thèid a thaghadh 'son bìobhairean a thilleadh dhan àrainneachd.

Tha a' bhuidheann phoblach Coilltearachd is Fearann Alba (FLS) air cead a shireadh bhon riaghaltas 'son an sgeama.

Ma thèid cead a thoirt seachad le NàdarAlba, tha FLS an dòchas na bìobhairean ath- stèidheachadh ann an Loch Beinn a' Mheadhain as t-earrach an ath-bhliadhna.

Chaidh bìobhairean a leigeil ma sgaoil gu laghail ann an dà sgìre eile de dh'Alba mar-thà, ann an Cnapadal ann an Earra-Ghàidheal agus ann am pàirtean de Phàirc Nàiseanta a' Mhonaidh Ruaidh.

Loch Beinn a' Mheadhain ann an Gleann Afraig.Tùs an deilbh, Richard Webb / Geograph
Fo-thiotal an deilbh,

Loch Beinn a' Mheadhain ann an Gleann Afraig.

Tha Coilltearachd is Fearann Alba air a bhith ag obair ann an co-bhonn leis a' charthannas àrainneachdail Trees For Life air a' phròiseact seo.

Chuir an dà bhuidhinn co-chomhairle air dòigh san sgìre a mhair dà bhliadhna.

Thuirt manaidsear planaidh a' Chinn a Tuath 'son FLS, Euan Wiseman: "Thar nam bliadhnaichean, tha sinn air càirdeas obrach a thogail leis na coimhearnsachdan ann an Gleann Afraig, mar sin bha e cudromach gun tug sinn ùine airson cluinntinn bhon a h-uile duine air a' chuspair seo.

"Tha sinn air ceumanan a chur an gnìomh a-nis a tha a' fàgail gu bheil cothrom againn tagradh foirmeil a chur a-steach gu NàdarAlba airson cead-saoraidh.

Co-chomhairle

Thuirt Ceannard Ath-stèidheachaidh Trees For Life, Ailean Dòmhnallach, gu bheil iad den bheachd gur e làrach air leth iomchaidh a tha ann an Gleann Afraig airson bhìobhairean.

"Tha ìre gu math ìosal den t-sèorsa talmhainn far am b' urrainn do bhìobhairean buaidh a thoirt a thaobh nan rudan a dhèanadh iad air cruth na tìre.

"Chan eil tuathanasan shuas an sin, chan eil tòrr dhìgeachan-uisge ann a dh'fhaodadh iad a chasg.

"Mar sin, 's e seòrsa àite a th' ann far nach toireadh bìobhairean cus buaidh air daoine, agus 's e sin fear de na rudan a thog daoine nuair a bhruidhinn sinn riutha.

"Agus shaoil sinn gur e àite air leth a bhiodh ann airson an stèidheachadh," thuirt e.

Chaidh bìobhairean à bith ann an Alba bho chionn 400 bliadhna, ach chaidh an toirt air ais ann an 2009.

Tha buidhnean àrainneachd ag ràdh gu bheil obair nam bìobhairean math dhan uisge agus na cuideachadh airson dìon a chur air sgìrean bho thuiltean.

Ach tha tuathanaich is croitearan ann am Pàirc Nàiseanta a' Mhonaidh Ruaidh air draghan a thogail mun deidhinn, 's iad ag ràdh nach deach co-chomhairle cheart a chumail mus deach na beathaichean a shaoradh.