Lùghdachadh luchd-siubhail air an MV Eilean Muileach 'fad mhìosan'
- Air fhoillseachadh
B' fheudar do ChalMac casg rè ùine a chur air an àireimh de dhaoine a bhios ceadaichte siubhal air bòrd an MV Eilean Muileach.
Nochd trioblaidean le siostam falmhachaidh èiginneach an t-soithich fhad 's a bha i san doc airson obair càraidh bhliadhnail.
Chan urrainn ach 45 neach a bhith air bòrd gach seòladh nuair a thilleas i gu seirbheis air a' 5mh den Fhaoilleach, air an t-slighe eadar an Òban agus Loch Baghasdail.
Mar as trice, tha i comasach air còrr is 900 neach a ghiùlain.
Thuirt neach-labhairt do ChalMac gu bheil iad air a bhith ag obair còmhla ris a' chompanaidh a rinn an uidheamachd sa chiad dol a-mach (an OEM) agus às dèidh dhaibh a bhith a' coimhead air feadh an t-saoghail airson pàirtean, gun robh e follaiseach nach robh an dearbh phàirt a bha dhìth ri fhaotainn tuilleadh.
"Tha cion nam pàirtean sin, agus eadar-dhealachadh san dòigh san deach siostaman nas ùire a dhealbh a' ciallachadh nach eil sleamhnag falmhachaidh iomchaidh againn a gheibh luchd-siubhail chun nan ràthan-sàbhalaidh ann an cùis-èiginn."
"Dh'fhaodadh gun toir e grunn mhìosan an obair seo a chriochnachadh, agus bidh ùine an uair sin a dhìth airson an siostam ùr a chur an sàs agus deuchainnean a dhèanamh air mus tèid againn air an àireamh àbhaisteach de luchd-siubhail a thoirt air bòrd a-rithist."
Ach, tha CalMac ag ràdh gur ann ainneamh a bhios barrachd air 45 neach airson siubhal air seirbhis Loch Baghasdail aig an àm seo den bhliadhna.
Nuair a chaidh na riaghailtean ùra a thoirt a-steach, thuirt iad, cha robh aon sheòladh far an robh barrachd air 45 neach air bucadh.