Tagradh an aghaidh riaghladh laghail mu phlana Sràid na h-Acadamaidh

Sràid na h-AcadamaidhTùs an deilbh, Comhairle na Gàidhealtachd
  • Air fhoillseachadh

Tha Comhairle na Gàidhealtachd air innse gun dèan iad ath-thagradh an aghaidh breithneachaidh a thug àrd-bhritheamh seachad, a chuir stad air na planaichean aca Sràid na h-Acadamaidh a leasachadh.

Fo na planaichean rachadh casg a chur air a' chuid as motha de chàraichean bho a bhith a' cleachdadh na sràide ann am meadhan Inbhir Nis.

B' e urrasairean luchd-seilbh Ionad Bhùithtean an Eastgate ann an Inbhir Nis a thug a' chùis lagha seo gu Cùirt an t-Seisein ann an Dùn Eideann.

Thuirt iadsan nach deach co-chomhairleachadh ceart a dhèanamh air na planaichean agus nach deach for gu leòr a thoirt air a' bhuaidh a dh'fhaodadh a bhith aig a leithid de dh' atharrachaidhean air gnìomhachasan.

Na bu thràithe air a' mhìos seo chuir am breitheamh am Morair Sandison stad air an leasachadh le bhith a' lorg gun robh a' cho-chomhairleachadh sin mì-laghail.

Chuir cuid de ghnìomhachasan ionadail fàilte air an naidheachd, ach aig an àm thuirt Comhairle na Gàidhealtachd gur e briseadh-dùil a bh' ann.

Agus a-nis tha iad air dearbhadh gu bheil iad an dùil ath-thagradh a chur a-steach an aghaidh a' bhreithneachaidh.