Taic do phlana Sràid na h-Acadamaidh

- Air fhoillseachadh
Bhòt comhairlichean ann an Inbhir Nis airson gluasad air adhart le planaichean airson ath-chruthachadh a thoirt air meadhan a' bhaile.
Mar phàirt den sgeama, thèid càraichean a chasg bho Shràid na h-Acadamaidh sa bhaile.
Chuir Comhairle na Gàidhealtachd na planaichean air adhart feuch eimiseanan a ghearradh agus barrachd dhaoine a thàladh a-steach gu meadhan Inbhir Nis, cho math ri daoine a bhrosnachadh a bhith a' coiseachd is a' rothaireachd.
Tha Sràid na h-Acadamaidh tric air nochdadh am measg nan sràidean as miosa ann an Alba a thaobh truaillidh.
Fhuaireadh £800,000 bho mhaoin 'Àitichean airson a h-Uile Duine' aig Riaghaltas na h-Alba airson an sgeama a leasachadh.
Tha na planaichean connspaideach ge-tà, is gnothachasan air dragh a thogail mun bhuaidh orrasan is iad den bheachd gum bi cuid airson meadhan a' bhaile a sheachnadh ma tha càraichean air an casg.
Bha deasbad a bha aig amannan sradagach ann aig Comataidh Bhaile Inbhir Nis Diluain, taobh a-muigh.
Thuirt leas cheannard Sgìre Inbhir Nis, an Comh Chris Ballard, gu bheil na planaichean deatamach gus am baile a leasachadh is gu bheil deasbad air a bhith a' dol fad deich bliadhna.
Thàinig taic bhon Chomh Ryan Mac an Tòisich is e ag ràdh gum bu chòir còmhdhail uaine a bhith na prìomhachas, is gur e cothrom a th' ann cuideachd meadhan a' bhaile a dhèanamh nas sàbhailte.
Rinn an Comh Alasdair Christie càineadh air na molaidhean ge-tà, is e ag ràdh gum bu chòir Measadh Buaidhe Eaconomaich a bhith ann mus tèid co-dhùnadh a dhèanamh.
Fhuair e taic bhon Chomh Helen Crawford, a bha air iarraidh roimhe dàil a chur air na planaichean.
Thog i dragh Diluain gum fàg bùithtean meadhan a' bhaile, is nochd beachd cuideachd gun gluais trioblaidean trafaig is truailleadh gu pàirtean eile den bhaile.
Air a' cheann thall bhòt comhairlichean 12-10 airson gluasad chun na h-ath-ìre.
Cha deach le gluasad a bha a' moladh gum biodh sgeama pìleit ann an toiseach.
Tha seo a' ciallachadh gun tèid iarraidh air oifigich na planaichean a thoirt gu ìre is co-chomhairle a dhèanamh air Òrdugh Smachdachaidh Trafaig, le Measadh Buaidhe Eaconomaich na phàirt dhith.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh28 An Lùnastal 2023
- Air fhoillseachadh18 An Lùnastal 2023