Togail fianais an aghaidh loidhne-dealain an Strath Pheofhair

Luchd-togail-fianais
  • Air fhoillseachadh

Chruinnich mu 30 daoine feasgair Diluain airson fianais a thogail ann an Srath Pheothair mun bhuaidh a dh'fhaodadh a bhith aig planaichean airson loidhne dealain ùr anns an sgìre.

Bha coinneamh co-chomhairleachaidh mu dheidhinn ga chumail sa bhaile le SSEN Transmission.

Bhiodh an loidhne ag amas air cumhachd bho sgeamaichean ath-nuadhachail aig tuath a ghluasad gu deas.

Thuirt fear de na bha togail fianais, Dan Bailey, nach eil a' chompanaidh air èisteachd cheart a thoirt do dhraghan san sgìre.

"Tha sinn air a bhith a' feuchainn ri dol an sàs ann an còmhraidhean ris a' chompanaidh seo, mar choimhearsnachd, thairis air an dà bhliadhna mu dheireadh 'son fuasgladh fhaighinn gus slighe a lorg san sgìre againn air am biodh barrachd dhaoine deònach gabhail ris.

"Agus tha e coltach gu bheil a' chompanaidh bodhar dhan iarrtas sin.

"Cha b' urrainn dhaibh slighe nas miosa a thaghadh nan robh iad ag amas air a leithid, ma tha iad airson a' bhuaidh as motha a thoirt air a' bhaile eachdraidheil agus an sgìre mun cuairt.

"'S e àrainneachd air leth a tha seo, a' choille ann an Cunndainn, àite air a bheil luchd-baidhseagail beinne agus luchd-coiseachd gu math dèidheil, agus an fhiadh-bheatha, agus tha an t-slighe aca a' dol tro mheadhan na sgìre sin", thuirt Mgr Bailey.

Cruth na tìre

Ach, thuirt Simon Hall bho SSEN Transmission gu bheil iad air feart a thoirt air beachd a' phobaill.

"Nuair a tha thu a' coimhead air an sgìre seo timcheall air Srath Pheothair gu sònraichte, bha a' chiad roghainn againn airson slighe tron àite, chan eil sinn a' leantainn sin.

"Tha sinn a' creidsinn gu bheil sin air fusgladh cothromach a lorg, ach tha tuigse againn air cho làidir 's a tha cuid a' faireachdainn ann an cuid de na coimhearsnachdan gu sònraichte.

"Tha cruth na tìre ann an Alba àlainn agus 's e sin an t-adhbhar gu bheil sinn uile airson a bhith a' fuireach agus ag obair an seo tha mi an dùil.

"Mar sin, tha sinn a' dèanamh ar dìchill gus feuchainn ris a' bhuaidh a tha aig bun-structar seo, a tha cudromach aig ìre nàiseanta, a chumail aig an ìre as lugha as urrain dhuinn", thuirt Mgr Hall.