Maoineachadh ùr do chraoladh Gàidhlig

Suaicheantas MG ALBA
  • Air fhoillseachadh

Dearbhaidh Prìomh Mhinistear na h-Alba, Iain Swinney, maoineachadh calpa £690,000 do MG ALBA 's e air thuras a Leòdhas.

Thèid an t-airgead a chosg air ionad ùr dha na meadhanan Gàidhlig anns an togalach aig MG ALBA ann an Steòrnabhagh.

"Tha sinn a' dol a chosg pàirt dheth sin air a bhith ag ùrachadh an teicneòlais a tha a' làimhseachadh nam meadhanan didseatach agus sòisealta," thuirt Àrd-Oifigear MG ALBA, Dòmhnall Caimbeul.

"Tha pàirt dheth cuideachd gu bhith ga chosg air a bhith a' leasachadh an togalaich ann an Steòrnabhagh airson a dhèanamh nas càirdeile dhan àrainneachd.

"Agus tha sinn airson stiùideo didseatach a leasachadh a-mach às na goireasan a th' againn airson barrachd chothroman a thoirt do dhaoine òga stuthan ùra agus ùr-ghnàthach a dhèanamh airson nam meadhanan goirid."

Modhan Maoineachaidh

Tha tuilleadh a dhìth san àm ri teachd ge-tà, a rèir Mhgr Chaimbeul, airson an t-seanail a leasachadh.

"Tha mi a' smaoineachadh gu bheil an t-airgead calpa a tha sin an ìre mhath mar a bha sinn a' sùileachadh 's ag iarraidh," thuirt Mgr Caimbeul.

"'S e an t-strì a' coimhead air adhart, 's e airgead nam prògraman agus an t-susbaint a chumail a' dol, agus sinn mothachail mar eisimpleir gu bheil anns a' chòig bliadhna mu dheireadh, an t-airgead a tha an t-seanail Chuimreach a' faighinn air a dhol suas an aon uiread 's a tha am buidseat iomlan aig MG ALBA.

"Tha an dà bhuidhinn a tha sin - ann seanal Cuimreach S4C agus MG ALBA - air an comharrachadh anns an aon phìos lagha aig Pàrlamaid na Rìoghachd Aonaichte, ach tha na dà mhodh maoineachaidh cho diofraichte.

"'S e toradh an diofair gu bheil na meadhanan Gàidhlig, tha sinne am beachd, a' fulang ri linn dìth cothromachd."