Co-chomhairle mu thuath-ghaoithe Spiorad na Mara air tòiseachadh

Tuath-gaoithe aig muirTùs an deilbh, GETTY IMAGES
Fo-thiotal an deilbh,

Thathas ag iarraidh 66 crann, 380m (1,246tr) de dh'àirde, a thogail an lùib an leasachaidh, mu chòig mìle far chosta an iar Leòdhais

  • Air fhoillseachadh

Tòisichidh co-comhairle Diluain air an tuath-ghaoithe "Spiorad na Mara" a thathas a' moladh a thogail far chosta an iar Leòdhais.

Tha luchd-leasachaidh ag ràdh gum bi e comasach dhan tuath-gaoithe 900MW de dhealan a chruthachadh.

Ach, tha dragh air a bhith ann mu na planaichean agus mun bhuaidh a dh'fhaodadh an sgeama a thoirt air an àrainneachd agus seallaidhean san sgìre

'S iad na prìomh chuspairean sa cho-chomhairle:

  1. cumadh na tuath-gaoithe

  2. càite am bi càballan dealain a' ruith air grunnd na mara agus air tìr

  3. làrach airson fo-stèisein dealain

  4. buaidh air an àrainneachd

  5. na cothroman a dh'fhaodadh tighinn an cois an leasachaidh.

'S e seo a' chiad phàirt den cho-chomhairle, le dùil ris an dàrna pàirt anns a' bhliadhna ùir.

Tha a' chompanaidh Northland Power, leis a bheil na còraichean leasachaidh, ag ràdh gum bi am fiosrachadh air fad ri fhaotainn air-loidhne, taobh a-muigh, agus gun tèid sreath de choinneamhan poblach a chumail anns na diofar sgìrean.

Tòisichidh na coinneamhan Dimàirt, agus bidh a' cho-chomhairle air-loidhne fosgailte airson mìos.

Bidh a' chiad choinneamh ann an Ionad Chlann MhicGhuaire, eadar 3:00f agus 8:00f Dimàirt 24mh Sultain.

Bidh an dàrna coinneamh ann an Ionad Coimhearsnachd Bharabhais agus Bhrù, eadar 3:00f agus 8:00f Diciadain 25mh Sultain.

Diardaoin an 26mh Sultain bidh coinneamh anns an t-Seann Sgoil ann an Siabost.

Thèid coinneamh a chumail ann an Talla Bhaile Steòrnabhaigh Diluain 30mh Sultain eadar 3:00f agus 8:00f.

Dimàirt 1mh Dàmhair, thèid coinneamh a chumail ann an Ionad Coimhearsnachd Chàrlabhaigh eadar 3:00f agus 8:00f.

Bidh coinneamh ann an Ionad Coimhearsnachd Ùige Diciadain 2na Dàmhair eadar 3:00f agus 8:00f.

Thèid a' choinneamh phoblach mu dheireadh a chumail ann an Ionad Coimhearsnachd Bheàrnaraigh Leòdhais Diardaoin an 3mh Dàmhair eadar 3:00f agus 8:00f.

A bharrachd air sin bidh sreath de chlionaigean fiosrachaidh gan cumail dham feumar àite a chur air dòigh ro làimh, le fiosrachadh ri fhaotainn air làrach-lìn Northland Power.