Caol-Gleann sa Phrìomh Lìog

Cluicheadair à Caol-Gleann Tùs an deilbh, Comann na Camanachd
  • Air fhoillseachadh

Tha Caol-Gleann air eachdraidh a dhèanamh is iad Prìomh Lìog na h-iomain a ruighinn 'son a' chiad uair.

Bha an sgioba à Gleann Da-Ruail is Caol an t-Snàimh air an seusan aca fhèin a chrìochnachadh bho chionn beagan sheachdainean ach bha aca ri feitheamh feuch an leumadh GMA no Eilean Bhòid os an cionn dhan dàrna àite san lìog.

Cha d'fhuair GMA na puingean a bha a dhìth orrasan bho na geamaichean mu dheireadh aca ach bha fhathast cothrom aig Bòd nam biodh iad air a' chùis a dhèanamh air Inbhir Aora Disathairne.

Rinn Inbhir Aora an gnothach 2-1 ge-tà, a' fàgail gu bheil Caol-Gleann a' dol suas dhan Phrìomh Lìog còmhla ri Loch Abar.

Chan eil ann ach 20 bliadhna bho chaidh Caol-Gleann a stèidheachadh às ùr às dèidh ùine nan tàmh.

Ràinig iad an Lìog Nàiseanta 'son a' chiad turas ann an 2023 is iad a-nise air an ath cheum a ghabhail.

Thuirt an cluba fhèin gur e seo "tè de na stòiridhean as fheàrr ann an iomain anns na bliadhnaichean mu dheireadh".

Thug iad taing dhan a h-uile duine sa chluba agus sa choimhearsnachd a tha air an cuideachadh.

Bidh Caol-Gleann a-nise ann còmhla ris na sgiobaidhean as motha san spòrs ann an 2026.

Bha Baile Ùr an t-Slèibh am measg na chuir meal a naidheachd orra oidhche Shathairne is iad ag ràdh gu bheil iad a' coimhead air adhart ri a bhith a' dol nan aghaidh sa Phrìomh Lìog.

Duilleagan eadar-lìn co-cheangailte