Luaidh ga dhèanamh air Brian Haggas

Brian Haggas
  • Air fhoillseachadh

Chaochail Brian Haggas, am fear-gnothaich Sasannach a bha grunn bhliadhnaichean gu mòr an sàs ann an gnìomhachas a' Chlò Hearaich.

'S ann à Yorkshire a bha Mgr Haggas, 93.

Chaidh e an sàs ann an gnìomhachas a' Chlò Hearaich ann an 2006 nuair a bha e ann an droch staing is Mgr Haggas le planaichean a bha gu math connspaideach aig an àm.

Cheannaich e Muileann Clò MhicChoinnich (Muileann Sticky) is chuir e airgead mòr a-steach gus an uidheamachd ùrachadh.

Gheàrr e na pàtranan gu ceithir airson seacaidean a dhèanamh dhan chompanaidh eile a bh' aige ann an Yorkshire, Brook Taverner.

Bha mì-thoileachas mòr ann mun sin is rabhaidhean gun robh e a' dèanamh na margaid ro chumhang.

Bha na rabhaidhean sin ceart. Air a' cheann thall dh'atharraich Mgr Haggas a bheachd is chaidh àireamh nam pàtranan a leudachadh.

Às dèidh dha Mgr Haggas Muileann MhicChoinnich a cheannach is an dòigh-obrach atharrachadh, bha companaidh ùr, Clò Hearach Innse Gall, air Muillean Shiaboist fhosgladh às ùr.

Fo-thiotal a’ bhidio,

Chuala Aithris na Maidne bho Aonghas Dòmhnallach, a bha tric ag aithris air gnìomhachas a' Chlò Hearaich nuair a bha Brian Haggas gu mòr an sàs ann.

Thuirt Brian MacUilleim bhon chompanaidh gur e mar a chaidh Mgr Haggas an sàs sa ghnìomhachas is na dòighean connspaideach a bh' aige a dh'fhàg gun robh cothrom ann companaidh ùr a stèidheachadh à Muillean Shiaboist, companaidh a tha air soirbheachadh.

"Bha e feumail gun tàinig Mgr Haggas a-steach nuair a thàinig e, ach an seòrsa fear a bh' ann, bha e fada na cheann fhèin is bha e uabhasach righinn", thuirt iar-chathraiche Ùghdarras a' Chlò Hearaich, Alasdair MacLeòid, is e a' bruidhinn ann an 2022.

"Bha e den bheachd gur e an dòigh aigesan an dòigh an gnìomhachas a shàbhaladh.

"Ach mar iomadach duine eile a fada nan ceann, nuair nach eil na prothaidean a' tighinn a-steach, tha e ag atharrachadh a bheachd.

"Bha e feumail gun tàinig e - ach bha e feumail cuideachd gun do ghabh e comhairle bho fheadhainn a bha anns a' ghnìomhachas a' dol air ais bliadhnaichean mòra".

Air a' cheann thall leig Mgr Haggas dheth a dhreuchd ann an 2019.

Dh'fhàg e Muileann MhicChoinnich ann an làmhan mhanaidseir na muilne, Ailig Lockerby.

"Tha mi a-nise a' creidsinn gur ann le muinntir nan Eilean Siar a tha an Clò Hearach", thuirt Mgr Haggas.

"Tha e na phàirt bhunaiteach de na h-Eileanan an Iar agus bu chòir dha a bhith ann an làmhan nan daoine agus prothaidean sam bith a thig às a dhol air ais thuca".