A' toirt ciùil mu thallaichean beaga an Eilein Sgitheanaich, Ratharsair is Loch Aillse

Ciorstaidh Pheutan
Fo-thiotal an deilbh,

Tha an clàrsair Ciorstaidh Pheutan am measg na bhios a' nochdadh aig an fhèis

  • Air fhoillseachadh

Tha Fèis nan Tallaichean Beaga a' tòiseachdainn oidhche Ardaoin san Eilean Sgitheanach, an Ratharsair agus an Loch Aillse.

Thèid deich chuirmean a chumail am-bliadhna stèidhichte air ochdnar cheòladairean a' tighinn còmhla gus an cuid chiùil a thaisbeanadh.

Bidh iad ag obair mar dhà chòmhlan fa-leth, ach a' tighinn còmhla aig diofar amannan.

Bidh cuideachd atharrachadh beag ann tron fhèis is Hannah Fisher a' cluich sa chiad sheachdain is Josie Duncan a' dol na h-àite san dàrna seachdain.

"Tha sinn uile eòlach air a chèile gu ìre," thuirt Ciorstaidh Pheutan, a bhuineas don eilean i fhèin 's a bhios a' cluich na clàrsaich.

"Tha a h-uile duine ag obair ann an saoghal a' chiùil thraidiseanta, agus cuideachd taobh a-muigh saoghal a' chiùil thraidiseanta.

"Mar sin tha sinn uile a' toirt leinn a' chiùil againn fhèin agus tha sinn ag obair le chèile air na pìosan ciùil a sgrìobh sinn fhèin agus cuideachd pìosan traidiseanta agus pìosan Gàidhlig.

"Diofar fhuaimean 's diofar stoidhlichean a' tighinn ri chèile."

Talla a' PhluicTùs an deilbh, Richard Dorrell/Geograph
Fo-thiotal an deilbh,

Tha Talla a' Phluic am measg nan tallaichean beaga air an tadhail an fhèis

Còmhla ri Ciorstaidh, Hannah is Josie, tha cuideachd Donnchadh Siosalach, Màrtainn Green, Laura Jane Wilkie, Alasdair Roberts, Malin Lewis is Innes Watson.

Tha dùbhlain an cois a' ghnothaich ach tha e na chuideachadh gu bheil iad eòlach air a chèile.

"Tha e gu math diofraichte a thaobh ullachaidh," thuirt Ciorstaidh.

"Tha sinn ag obair fad an là ag èisteachd, a' sgrìobhadh, a' bruidhinn.

"Agus cuideachd tha mi a' smaoineachadh gun tuirt sinn uile ri chèile ''s dòcha gun cluich sinn seo, 's dòcha gum feuch sinn seo nuair a thig sinn còmhla".

Pàirt dheth ge-tà, tha Ciorstaidh ag ràdh, 's e gun a bhith a' dèanamh cus ullachaidh 's dìreach a' faicinn dè thachras air an oidhche.

Talla Choimhearsnachd RatharsairTùs an deilbh, Richard Dorrell/Geograph
Fo-thiotal an deilbh,

Nì na ceòladairean an slighe gu Ratharsair cuideachd, a chluich san talla choimhearsnachd

A thuilleadh air na cuirmean fhèin, tha sreath de sheiseanan gu bhith ann eadar taighean-seinnse, sgoiltean is dachaighean-cùraim.

Tha Ciorstaidh ag ràdh gu bheil i an dùil is an dòchas gun tig ceòl ùr às an fhèis agus gur dòcha gun cùm an luchd-ciùil orra ag obair le chèile às dèidh làimh.

Bidh an fhèis a' ruith ann an diofar thallaichean beaga ionadail san sgìre chun an 29mh là den t-Samhain, nuair a bhios cèilidh ann airson Là Naomh Anndrais a chomharrachadh.

Bidh a' chiad oidhche a-nise ann an Taigh-òsta an Àth-Leathainn seach aig Sabhal Mòr Ostaig air sgàth na h-aimsire, is cha bhi ticeadan rim faighinn aig an doras.

Gheibhear barrachd fiosrachaidh mun fhèis an seo, taobh a-muigh.