Gheibh cuid de bhailtean an Leòdhas bann-leathann nas luaithe

Thuirt Openreach gum faiceadh cuid ann an Leòdhas barrachd obrach a' dol gu h-ionadail sna seachdainean a tha romhainn
- Air fhoillseachadh
Tha a' chompanaidh conaltraidh Openreach ag ràdh gu bheil iad gu bhith ag obair air a' Bhac, ann an Garrabost agus ann an Tuimsgearraidh ann an Leòdhas airson lan sheirbheis bann-leathann faidhbeir a thoirt do luchd-còmhnaidh.
Tha seo mar phàirt de Phròiseact Gigabit aig Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte agus prògraman R100 aig Riaghaltas na h-Alba.
Tha Comhairle nan Eilean Siar air dèiligeadh ri faisg air 30 iarrtasan dealbhachaidh co-cheangailte leis a' bhun-structar a tha a dhìth sna coimhearsnachdan.
Thuirt Robert Thorburn, Stiùiriche Co-bhanntachd aig Openreach ann an Alba: "Tha sinn a' toirt bann-leathann nas luaithe agus nas earbsaiche do bharrachd dhaoine ann an Leòdhas agus ag innse dhaibh mu na tha san amharc againn.
"'S e leasachadh mòr air a' bhun-structar a tha seo, mar sin bidh barrachd luchd-einnseanaireachd, uidheamachd agus bhanaichean rim faicinn, agus tha sinn ag obair gu cruaidh gus nach bi buaidh ro mhòr an cois na h-obrach.
"Far an gabh dèanamh, bidh sinn a' cleachdadh an lìonra a th' againn mar thà de phòlaichean agus truinnsichean.
"Ach dh'fhaodadh gum bi làraichean ann far am feum sinn pòlaichean ùra a thogail agus truinnsichean a chladhadh airson nan càballan faidhbeir."