Chaidh Loganair às àicheadh gun sguir iad den t-seirbheis eadar Steòrnabhagh is Inbhir Nis

- Air fhoillseachadh
Thuirt a' chompanaidh-adhair Loganair nach eil iad an ìmpis cur às dhan t-seirbheis eadar Steòrnabhagh is Inbhir Nis.
Tha luchd-cleachdaidh na seirbheis air draghan a thogail gu bheil a' chompanaidh ga ruith sìos cleas mar a thachair, nam beachd, le seirbheis Eastern Airways gu Obar Dheathain a chaidh a tharraing ann an 2018.
Thathar a' cumail a-mach nach eil an t-seirbheis gu Inbhir Nis air a ruith ann an dòigh a tha seasmhach agus èifeachdach, nach eil an clàr-ama a' freagairt air luchd-siubhail agus gu bheil faraidhean àrda a' ciallachadh nach eil na h-uimhir ga cleachdadh.
Cha chanadh Loganair ach nach eil fìrinn sam bith anns na fathannan gu bheil iad am beachd tarraing a-mach às an t-seirbheis.

Chan e a-mhàin gum bi euslaintich a' dol air a' phlèana airson cùram ospadail ann an Inbhir Nis, tha daoine a tha ag obair air tìr-mòr tron t-seachdain cuideachd a' crochadh air an t-seirbheis.
Tha Murchadh MacRisnidh a-nis ag obair ann an gnìomhachas na h-ola ann an Obar Dheathain Diluain gu Dihaoine agus a' siubhal dhachaigh a Leòdhas air an deireadh-sheachdain.
"'S e an rud as cudromaiche ma tha na slighean seo gu bhith a' soirbheachadh 's e gum bi clàran-ama math aca airson daoine a bhrosnachadh an cleachdadh," thuirt e.
Tha Mgr MacRisnidh ag ràdh gu bheil e deatamach gum bi an ceangal seo ann ma tha na h-eileanan a' dol a dh'fhaighinn nam buannachdan a thig an cois GB Energy.
"Tha cala ùr an Obair Dheathain airson gnìomhachas na cumhachd ath-nuadhachail. Tha an aon rud fìor ann an Caolas Chromba agus an Linne Mhoireibh. Thog Cala Steòrnabhaigh cala domhain agus tha tha sgioba Àranais a' dèanamh obair mhath.
"Tha ceanglaichean còmhdhail eadar na trì sgìrean sin deatamach ma tha iad a' dol a dh'obrachadh còmhla," thuirt Mgr MacRisnidh.

Chaidh Loganair às àicheadh gu bheil iad a' beachdachadh air sguir den t-seirbheis eadar Steòrnabhagh is Inbhir Nis.
Chaidh fhaighneachd dhaibh dè cho seasmhach agus a tha an t-seirbheis san ùine fhada, agus a bheil i "fo sgrùdadh" mar a tha cuid a' cumail a-mach.
Thuirt neach-labhairt na companaidh nach b' urrainn dhaibh càil a ràdh neo beachd a thoirt seachad air slighean fa leth.