Nochd fear sa chùirt an co-cheangal ri teine aig ionad-gnothachais

Ionad-gnothachais a chaidh na theine an dèidh do chàr a dhol a-steach ann
Fo-thiotal an deilbh,

Bha ceithir gnothachasan stèidhichte sna h-aonadan a chaidh a sgrios

  • Air fhoillseachadh

Tha fireannach à Baile Dhùn Lèibhe air nochdadh ann an Cùirt an t-Siorraidh ann an Inbhir Nis fo chasaid co-cheangailte ri mar a chaidh teine a chur ri ionad-gnòthachais sa bhaile sa Mhàrt.

Chaidh Jack Ventham, 34, a chur an grèim air an deireadh-sheachdain.

Thathar a' fàgail air gun robh e an sàs còmhla ri cuideigin eile ann a bhith a' draibheadh carbad a-steach gu bùth-èisg, ga cur agus grunn thogalaichean eile faisg air làimh na theine.

Tha e cuideachd fo chasaid gun do chleachd e càr, a ghoideadh an Glaschu air an 24mh den Ghearran, agus fios aige gun deach fhaighinn gu mì-laghail.

Bha seo ann an grunn làraichean ann an Inbhir Nis, Peairt agus Baile Dhùn Lèibhe air an 8mh agus an 9mh den Mhàrt.

Cha do rinn e gairm no tagradh sam bith nuair a nochd e sa chùirt Diluain, agus chaidh a chumail an grèim.