Obair ùr air tòiseachadh aig Cidhe Stafainn

- Air fhoillseachadh
Tha obair-leasachaidh ùr air tòiseachadh aig Cidhe Stafainn is Urras an Taobh Sear ag ràdh gum bi buannachdan mòra ann dhan choimhearsnachd.
Cosgaidh a' phròiseict gus làrach chruaidh a thogail aig a' chidhe £135,000.
Dh'innis an t-Urras gum fàg seo gum bi e comasach soitheachan a thogail gu tìr 'son obair-càraidh is stòradh, is cothrom cuideachd na chois seadaichean ùra is aonadan gnothachais a stèidheachadh.
Thèid cuideachd oifis, taighean-beaga is goireasan parcaidh is connaidh a stèidheachadh aig an làraich mar a thèid a' phròiseict air adhart.
Bheir an obair seo suas ri deich seachdainean le creag a' tighinn bho Chuaraidh an Leathallt.

Ged nach bi rathad a' chidhe dùinte fhad 's a tha an obair a' dol air adhart, bidh bacaidhean an sàs aig an làraich.
Thuirt Urras an Taobh Sear gur e pròiseict ghlè chudromach a th' ann.
"'S e ceum mòr eile a tha seo san oidhirp againn a bhith a' cruthachadh sheirbheisean aig Cidhe Stafainn a bhios gu maith na coimhearsnachd," thuirt fear de stiùirichean an Urrais, Aonghas Ros.
Tha an obair na pàirt de leasachadh nas fharsainge, taobh a-muigh aig a' chidhe.
Fo na planaichean, rachadh balla-mara ùr a thogail le fasgadh a bharrachd do shoitheachan iasgaich is turasachd agus barrachd doimhneachd.
Thuirt Urras an Taobh Sear gu bheil iad ag obair gus maoineachadh fhaighinn gus na leasachaidhean a thoirt gu buil.