Cùrsaichean Gàidhlig Oilthigh Obar Dheathain ann an cunnart

Oilthigh Obar Dheathain
  • Air fhoillseachadh

Dh’fhaodadh gun tèid cur às do chùrsaichean ceum sa Ghàidhlig, agus ann an cànanan eile, aig Oilthigh Obar Dheathain fo phlanaichean gus airgead a shàbhaladh.

Chuala luchd-obrach an sin gu bheil feum air gearraidhean mòra gus ionmhas Roinn nan Cànanan a chur air 'bun-stèidh sheasmhach'.

Am measg nan roghainnean air a bheilear a' beachdachadh, tha plana far am faighear cuidhteas de cheumanan cànain de ghach seòrsa.

Tha dùil gun tèid dreuchdan a chall thar nam mìosan ri thighinn.

Oilthigh Obar Dheathain

Ann an aithris-sgrìobhte, thuirt Leas-Phrionnsabal an Oilthigh, Karl Leydecker: “Tha e air leth duilich nach eil e comasach Nuadh-Chànain a chumail a’ dol mar a tha e an-dràsta, le àireamhan ìosal de dh’oileanaich, is àireamhan a tha a crìonadh.”

An dèidh na naidheachd gun tèid co-chomhairle air a' chùis a chumail, thuirt Jo Grady, Àrd-Rùnaire Aonadh nan Oilthighean agus nan Colaistean (an UCU): “Tha luchd-obrach a tha a’ teagaisg chànanan agus a’ rannsachadh aig Oilthigh Obar Dheathain feargach agus le bristeadh-dùil leis an naidheachd gum faodadh na h-obraichean aca a bhith ann an cunnart”

Thuirt i cuideachd: “Tha ceumannan ann an Nuadh-Chànain riatanach ann an bhith a' cruthachadh cultar fosgailte le lèirsinn a tha ag obrachadh le coimhearsnachdan air feadh an t-saoghail.”

Thuirt an UCU cuideachd gur e ‘milleadh acadaimigeach’ a bhiodh ann na cùrsaichean seo a ghearradh, agus gum biodh iadsan a' putadh gus obraichean a ghlèidheadh.

Dr Ciorstaidh MacLeod
Fo-thiotal an deilbh,

An Dtr Ciorstaidh NicLeòid

A’ bruidhinn ri BBC Naidheachdan, thuirt an Dtr Ciorstaidh NicLeòid, a tha na òraidiche Gàidhlig aig Oilthigh Obar Dheathain:

“Chanainn gu bheil e nas miosa na bha sinn an dùil, ged a bha eagal oirnn is iomagain oirnn. Ach cha robh sinn an dùil gum biodh fiù ‘s an roghainn as fheàrr a chuireadh iad mu ar comhair - is tha fios nach e sin an roghainn a bhios ann aig a' cheann-thall - gum biodh sin cho buileach dona 's a tha e.

“Chan eil dol às ann gur e call a bhios ann, chan ann a-mhàin do dhaoine a tha dìreach airson Gàidhlig ionnsachadh is a thogail nan inbhich, ach cuideachd do dhaoine le Gàidhlig a tha a’ tighinn chun an oilthigh agus a' leasachadh nan sgillean aca gu mòr nuair a tha iad ann", thuirt an Dtr NicLeòid.

Leanaidh a' cho-chomhairle sia seachdainnean.