A' Ghàidhlig "a' fàs nas làidire" aig Oilthigh Obar Dheathain

- Air fhoillseachadh
Bha là fosgailte aig Oilthigh Obar Dheathain anns na làithean mu dheireadh gus na cùrsaichean aca a thaisbeanadh. Nam measg, bha a' Ghàidhlig.
Bha strì mhòr ann bho chionn dà bhliadhna nuair a dh'innis Oilthigh Obar Dheathain gun robh iad airson cùrsaichean Gàidhlig a ghearradh.
Bha Rhiannon Ledwell, a tha fhathast na h-oileanach a' dèanamh Gàidhlig agus àrc-eòlas, an sàs anns an iomairt airson cùrsaichean cànain a ghlèidheadh.
"'S e àm gu math doirbh a bha sin, feumaidh mi a ràdh," thuirt i.
"Bha sinn fo uallach mòr, ach a-nis tha sinn gu math nas làidire agus bha sinn a' tighinn còmhla ann an strì - agus a-nis tha Roinn na Gàidhlig a' fàs nas làidire ann an dòigh."
An dèidh co-chomhairleachaidh, cho-dhùin an t-oilthigh ceumannan singilte a ghearradh agus bha sin a' ciallachadh nach biodh e comasach tuilleadh ceum a thoirt a-mach anns a' Ghàidhlig a-mhàin.
Feumaidh cuspair eile a dhol còmhla ri cànan a-nis.
Tha tuilleadh ghearraidhean air fàire ge-tà, is ìmpidh air Oilthigh Obar Dheathain na milleanan de notaichean a shàbhaladh.
Àrdachadh Mòr
Chan eil Ceannard Sgoil Chànanan, Litreachais, Ciùil, agus Cultar Lèirsinnich an oilthigh, an t-Àrd-Oll Michelle NicLeòid, den bheachd gun toir sin buaidh air a' Ghàidhlig ge-tà.
"Tha sinn air barrachd oileanach a thrusadh am-bliadhna na bh' againn an-uiridh no a-bhòn-uiridh - cha mhòr nach eil 90 oileanach againn am-bliadhna air a' chiad bhliadhna a' dèanamh chùrsaichean Gàidhlig.
"'S e àrdachadh mòr a tha sin agus saoilidh mi gu bheil sin a' sealltainn dhuinn gu bheil daoine airson na cùrsaichean againn a dhèanamh agus gu bheil na cùrsaichean math agus gu bheil sinn air fòcas a chur air ceumannan dùbailte.
"Agus cuideachd gum bi Gàidhlig ri fhaighinn aig oileanaich a tha a' dèanamh leithid de chuspairean mar saidheans, lagh, fiù 's leigheas meadaigeach ... ma tha cuideigin a' dèanamh ceum airson a bhith na dhotair, faodaidh iad beagan Gàidhlig a dhèanamh cuideachd - teirm de Ghàidhlig.
"A bharrachd air na cùrsaichean dùbailte againn, tha na cothroman seo aig na h-oileanaich agus tha sin tarraingeach do dhaoine, a rèir choltais."
Tha an t-oilthigh cuideachd a' cur romhpa taic a chumail ris a' chànan anns a' phlana Ghàidhlig ùr aca.
Tha iad ag obair gus ionad Gàidhlig a stèidheachadh aig an oilthigh mar phàirt dheth.
Thuirt Carola NicChaluim, an t-Oifigear Leasachaidh Gàidhlig aig Oilthigh Obar Dheathain: "Tha mi a' smaoineachadh gu bheil e math ceanglaichean eadar an t-oilthigh agus a' choimhearsnachd Ghàidhlig a neartachadh."
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh5 An Dùbhlachd 2023
- Air fhoillseachadh5 An Giblean 2024
- Air fhoillseachadh7 Am Màrt 2024
- Air fhoillseachadh1 An Dùbhlachd 2023