Ath-stèidheachadh mòintich "luach £400m" don cheann a tuath

Na FlobhachanTùs an deilbh, David Bremner/Geograph
  • Air fhoillseachadh

Dh'fhaodadh obair airson talamh mòintich ath-stèidheachadh £400m a chur ri eaconomaidh cheann a tuath na Gàidhealtachd, a rèir aithisg ùir.

Tha an aithisg ag ràdh gum biodh obair den leithid math dhan àrainneachd agus gun cruthaicheadh e obraichean agus cothroman gnothachais san sgìre.

'S ann tarsainn na crìche eadar Cataibh is Gallaibh a tha a' mhòinteach as motha san Roinn Eòrpa - na Flobhachan.

Tha dùil gu bheil seo a' stòradh timcheall air 400m tunna de chàrbon, a dhà uimhir 's a tha coilltean na Rìoghachd Aonaichte air fad a' stòradh.

Tha 400,000 hectare de mhòintich san sgìre, agus a rèir na h-aithisg tha mu 45% dheth sin feumach air ath-stèidheachadh.

A bharrachd air an fheum a dh'fhaodadh seo a dhèanamh dhan àrainneachd, tha an aithisg ag ràdh gum faodadh e cosnadh a chumail ri grunn cheudan de dhaoine agus gnìomhachas a bhrosnachadh.

Thuirt Iomairt Cheann a Tuath na Gàidhealtachd, a dh'iarr an sgrùdadh, nach e a-mhàin gu bheil e a' sealltainn luach agus cho cudromach 's a tha na mòintichean, ach cuideachd cho cugallach 's a tha iad.