"Cuideam ga chur air a' choimhearsnachd" mu sgoil Mhuile

Tobar MhoireTùs an deilbh, PA
  • Air fhoillseachadh

Tha pàrantan ann am Muile a' fàgail air Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid gu bheil iad a' cur cuideim air a' choimhearsnachd gabhail ri làrach ann an Tobar Mhoire airson campas ùr sgoile san eilean.

Cho-dhùin an t-ùghdarras ionadail aig coinneimh shradagaich sa Mhàrt gur ann an Ceann a deas Thobair Mhoire a bhios campas ùr 2-18 an eilein aig cosgais £43m.

Tha na planaichean air a bhith connspaideach bho thùs.

Bha cuid de phàrantan air iarraidh gur ann ann am meadhan an eilein a bhiodh an campas ùr is gum biodh e mar sin goireasach do chloinn an eilein uile, is cuid an-dràsta a' dol dhan àrd-sgoil san Òban.

Tha Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid ag ràdh gu bheil cosgaisean a' ciallachadh gum feum bun-sgoil is àrd-sgoil ùr a bhith air an aon làraich is leis a sin nach biodh bun-sgoil tuilleadh ann an Tobar Mhoire nam biodh àrd-sgoil ùr ann am meadhan an eilein.

Chan eil luchd-iomairt deònach an t-strì a leigeil seachad ge-tà agus iad a' dol gu cùirt gus ath-sgrùdadh laghail fhaighinn.

Bidh èisteachd ann san Dàmhair.

Thuirt an luchd-iomairt nach eil iad ag iarraidh a dhol gu lagh ach nach eil dol às aca.

Tha an caothach orra a-nise le brath, taobh a-muigh bho Chomhairle Earra-Ghàidheal Bhòid a tha ag ràdh gu bheil am pròiseas laghail a' cur a' phròiseict ann an cunnart.

Anns a' bhrath, thuirt a' chomhairle gum feumadh cosgaisean a bharrachd a thigeadh orra tro ath-sgrùdadh cùirte tighinn à buidseat a' phròiseict, rud a thuirt iad a dh'fhaodadh an campas a chur ann an "àite cugallach".

"Tha sinn gu math brònach gu bheil Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid a' faireachdainn gu bheil e riatanach cuideam a chur air a' choimhearsnachd, ag ràdh gu bheil sinn a' cur na sgoille ùire fo bhagart", thuirt Cailean Moireasdan bhon bhuidhinn Buidheann-obrach Campas Mhuile.

Tha an luchd-iomairt ag ràdh gun deach dà roghainn "do-dhèanta" a chur air adhart bho thùs: sgoil ùr ann am meadhan an eilein is a' bhun-sgoil sa bhaile as motha san eilean 20 mìle air falbh a dhùnadh, air neo leantainn le cothrom air foghlam àrd-sgoile san eilean a dhùnadh dhan dàrna leth do dh'òigridh Mhuile.

Thuirt iad gu bheil seo a' cur ri eagal am measg cuid nach robh an t-ùghdarras a-riamh airson sgoil ùr a thogail.

Tha iad ag ràdh gu bheil cothrom aig an ùgharras fhathast co-chomhairle ùr a thòiseachadh is a bhith ag obair leis a' choimhearsnachd gus fuasgladh a lorg.

Tha iad air sgrìobhadh gu ceannard an ùghdarrais is iad ag ràdh gu bheil iad a' sireadh chòmhraidhean is dòigh air a' chùirt a sheachnadh.

Thuirt Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid gur e am prìomhachas aca campas ùr aig àrd-ìre a stèidheachadh ann am Muile.

Tha iad ag ràdh gu bheil 84% de chloinn aig aois àrd-sgoile san eilean a' fuireach taobh a-staigh crìochan Àrd-sgoil Thobar Mhoire.

Thuirt neach-labhairt cuideachd gun robh cothrom aig a' choimhearsnachd beachd a thoirt seachad air na planaichean is gun deach co-dhùnadh a ruighinn ann ann an dòigh dheamocrataigeach.

Thuirt iad gu bheil cosgaisean lagh a' cur uallaich air buidseatan a tha mar-thà fo chuideam.

Thèid aithisg mun chùis a dheasbad aig Comataidh nan Seirbheisean Coimhearsnachd Diardaoin.