"Rud uabhasach math a th' ann eachdraidh na sgìre a chumail sa sgìre"

Caisteal Armadail bhon mhuir Tùs an deilbh, Getty Images
Fo-thiotal an deilbh,

Tha Caisteal Armadail a tha an-diugh na thobhta mar phàirt de na thèid a reic

  • Air fhoillseachadh

Sgrìobh sgoilear aig Oilthigh Ghlaschu gu Rùnaire a' Chultair, Aonghas Robasdan, a' togail dragh air na thachras don tasglann aig Urras Fearainn Chlann Dòmhnaill nuair a thèid an oighreachd an ceann a deas an Eilein Sgitheanaich a reic.

Tha an cruinneachadh an-dràsta air a chumail san taigh-tasgaidh aca ann an Armadal agus tha na togalaichean aca, tobhta Caisteil Armadail nam measg, agus Oighreachd Shlèite air a' mhargaidh.

Tha dragh air an Dtr Aonghas MacCoinnich gu bheileas "a' dùnadh goireas air leth" sa bheil "cruach mòr de phàipearan" agus "cruinneachadh air leth cudromach".

Tha an t-Urras ag ràdh gun gun tèid an tasglann aca a chumail, agus gum bi e na phàirt mhòr de dh'Urras Chlann Dòmhnaill san àm ri teachd nan obair dualchais agus sinnsearachd.

Fo-thiotal a’ bhidio,

Alasdair MacLeòid a' bruidhinn ris an Dr Aonghas MacCoinnich à Oilthigh Ghlaschu

Tha an Dtr MacCoinnich ag ràdh gu bheil "còrr is 6,000 de phasganan pàipeir" san tasglann "a' toirt tùsan dhuinn air eachdraidh na Gàidhealtachd san 17mh, 18mh, agus 19mh linn".

Thuirt e: "'S e rud uabhasach math a th' ann ma tha eachdraidh na sgìre air a cumail sa sgìre agus na goireasan ann dha rèir agus 's bochd sin fhaicinn ga chall."

Tha a' bhuidheann ionadail Save Armadale cuideachd air draghan a thogail mu na tha an dàn dhan chruinneachadh.

Tha iad cuideachd am beachd ath-thagradh a dhèanamh an aghaidh co-dhùnadh Riaghladair Chathrannasan na h-Alba gun robh Urras Fearainn Chlann Dòmhnaill a' reic na h-oighreachd "a rèir nan dleastanasan laghail" a th' orra.

Thuirt Riaghaltas na h-Alba gu bheil Taighean-tasgaidh is Gailearaidhean na h-Alba air coinneachadh ri Urras Fearainn Chlann Dòmhnaill airson cur an cuimhne na dleastanasan a th' orra nuair a thig e gu bhith a' sealltainn às dèidh chruinneachaidhean.

Tha gu meadhan-là Diardaoin aig daoine tairgse a chur a-steach airson na h-oighreachd ann an Slèite a cheannachd.