Bhàsaich fear-motar-baidhg an dèidh tubaiste air an A9 ann an Gallaibh

Bhàsaich Lorne MacMhaoilein dà sheachdain an dèidh na tubaiste ann an Gallaibh
- Air fhoillseachadh
Tha fireannach air bàsachadh an dèidh mar a bha am motar-baidhg aige an sàs ann an tubaist air an A9 faisg air Latharan ann an Gallaibh.
Bha Lorne MacMhaoilein, à Àrasaig, air motar-baidhg dubh a bhuail ann an càr Peugeot liath mu dhà mhìle tuath air Latharan aig 09:50 madainn na Sàbaid an 10mh den Lùnastal.
Chaidh Mgr MacMhaoilein a sgèith a dh'Ospadal Rìoghail Obair Dheathan far an do bhàsaich e Diluain.
Chaidh dràibhear a' chàir agus neach-siubhail a thoirt chun an ospadail ach chaidh leigeil leotha falbh greis an dèidh sin.
Chaidh boireannach a chur an grèim agus fo chasaid an co-cheangal ri eucoir dràibhidh, agus nochdaidh i sa chùirt fhathast.
Thuirt teaghlach Mhgr MhicMhaoilein gun robh a bhàs na bhuille mhòr.
Ann am brath-naidheachd a sgaoil iad tro Phoileas Alba, thuirt iad: "'S e an companach, athair, mac, bràthair, uncail as fheàrr a bh' ann agus na charaid do mhòran eile."
Tha na poilis air iarraidh air duine sam bith le fiosrachadh mu na thachair fios a chur thuca. , taobh a-muigh